Cothroman Cosnaidh agus Coimhearsnachdan

Le adhartas agus piseach a’ tighinn air àite na Gàidhlig san t-saoghal phoblach gu sònraichte, tha barrachd agus barrachd chothroman cosnaidh a’ tighinn am bàrr.  Chì sibh bhideoan le cuid de na cothroman tron cheangal seo.

Tha mòran chompanaidhean agus bhuidhnean air feadh na dùthcha a-nis a’ lorg dhaoine aig a bheil Gàidhlig, agus gu sònraichte dhaoine le deagh sgilean labhairt agus sgrìobhaidh.

Tha barrachd dhreuchdan san roinn phrìobhaidich agus san roinn phoblaich far am feum Gàidhlig, no tomhas math de Ghàidhlig a bhith aig tagraichean mu choinneimh dhreuchdan. Thathar a’ coimhead air Gàidhlig mar bhuannachd mhòr nuair a thathar a’ sireadh obair ann an roinnean mar IT, turasachd, teagasg, craoladh agus obraichean eile co-cheangailte ri cultar, leithid saoghal nan ealan.

A thuilleadh air a bhith na cànan ùidheil agus na pàirt deatamach de dhualchas na h-Alba, tha Gàidhlig an-diugh aig teis-meadhan beatha iomadach duine. Chan e a-mhàin gun toir Gàidhlig tuigse dhut air eachdraidh, òrain agus litreachas, ach cuidichidh i thu nad bheatha obrach.

Tha ceudan de dh’obraichean a-nis ann an Alba do dhaoine le Gàidhlig, agus mar a dh’fhàsas coimhearsnachd na Gàidhlig, ’s ann a tha dùil gun tèid an àireamh de dh’obraichean Gàidhlig am meud.

Nuair a tha daoine a’ dol a-steach gu agallamh, tha iad gu nàdarra airson ’s gum bi cothrom thar chàich aca. Bheir comas ann an Gàidhlig an cothrom sin dhut nuair a thig e gu bhith gad chur fhèin air adhart.

Faclan feumail

Obair/Ag obair Work/Working
Tha mi ag obair I am working
Tha mi nam shaor I am a joiner
Tha mi nam rianadair I am an administrator
Tha mi nam mhanaidsear I am a manager
Tha mi nam thidsear I am a teacher
Tha mi nam dhotair I am a doctor
Tha mi nam sgrìobhaiche I am a writer
‘S e neach-ciùil a th’ annam I am a musician
‘S e banaltram a th’ annam I am a nurse
Tha mi ag obair sna meadhanan I work in the media
Tha mi gun obair I am unemployed
Tha obair agam dhut I can offer you work
A bheil thu trang? Are you busy?
Tha cùisean sàmhach Things are quiet
An urrainn dhomh do chuideachadh? Can I help you?
Dè nì mi dhut? What can I do for you?
Càit a bheil thu ag obair? Where do you work?
A bheil mòran dhaoine còmhla riut? Are there many people with you?
Am bidh thu ag obair air do cheann fhèin? Are you self-employed?
Tha mi ag obair do chompanaidh I work for a company
Dè seòrsa gnìomhachais a’s a bheil thu? What kind of business are you in?
Tha an ceòl air feadh na fìdhle Everything is thrown into confusion (Literally ‘The music is throughout the fiddle’)
A’ fuireach/A’ còmhnaidh Living/Residing
Tha mi a’ fuireach ann am baile beag I live in a small village
Tha mi a’ fuireach a-muigh air an dùthaich I live in the countryside
Tha mi a’ fuireach sa bhaile mhòr! I live in the big city!
ha mi a’ fuireach air eilean I live on an island
Coimhearsnachd Community
Tha tòrr a’ fuireach nam choimhearsnachd A lot of people live in my community
‘S e coimhearsnachd bheag a th’ ann It’s a small community
Tha bùth bheag againn We have a small shop
Tha taigh-bìdh againn We have a restaurant
Tha taigh-òsta ann There is a hotel
Tha tòrr bhùithtean againn We have lots of shops
‘S beag orm bailtean mòra I hate big towns
‘S toil leam a bhith a’ fuireach air eilean sìtheil I like living on a peaceful island
Tha obair gu leòr sa choimhearsnachd There’s lots of work in the community
Tha croitean gu leòr timcheall There are lots of crofts
Tha oifis mhòr againn We have a big office
Bidh mi ag obair aig an taigh I work at home
Bidh tòrr a’ tachairt san sgìre Bidh tòrr a’ tachairt san sgìre
Tha cèilidhean againn We have cèilidhs
Tha spòrs gu leòr a’ dol air adhart san sgìre seo There is a lot of sport in this area
’S ann dhut a rug an cat an cuilean! Your cat gave birth to a puppy! (To someone who has had a stroke of luck)
Saor-làithean Holidays
Turas Trip
Chì mi thu! See you!
Dè tha dol? What’s doing?
Tapadh leat Thank you
`S e do bheatha You’re welcome
Cha do dhùin doras nach do dh’fhosgail doras Every cloud has a silver lining (Literally ‘A door never closed without another opening’)
Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer