Blasad Gàidhlig

Is e th’ ann am Blasad Gàidhlig ach seiseanan adhartach air cultar agus cànan na Gàidhlig do chlann agus an tidsearan ann an sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean far a bheilear a’ teagasg na Gàidhlig mar chànan a bharrachd. Tha na seiseanan seo air an lìbhrigeadh gu h-àraid tro ghnìomhan, geamaichean agus òrain. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Blasad Gàidhlig cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot no 01463 225559.

Chithear bhidio de na clasaichean Blasad Gàidhlig againn gu h-ìseal:

Goireasan do na Sgoiltean

Bidh na tàr-sheallaidhean gu h-ìseal a’ toirt thugaibh na faclan a bhios oidean Blasad Gàidhlig a’ teagasg bho sheachdain gu seachdain, cuide ri ceanglaichean do dh’fhaclair LearnGaelic far an cluinnear fuaimneachadh nam facal.

Tutagan

Tha Tutagan na shreath de bhidiothan airson clann anns na Tràth Ìrean, air a lìbhrigeadh le Kaitlin Ross. Bidh iad a’ teagasg bhriathrachais don chloinn air cuspairean a leithid an t-sìde, dathan agus faireachdainnean, tro òrain bhrèagha. Gheibhear an sreath de bhidiothan gu h-ìseal. Brùth an seo airson liosta den bhriathrachas agus de na h-òrain a tha ri chluinntinn sna bhidiothan.

Fèis Luchd-teagaisg GLPS

Ceud mìle taing do gach aoigh shònraichte agus do gach com-pàirtiche a bh’ againn aig a’ chiad Fhèis Luchd-teagaisg GLPS againn a-riamh. Fèis a mhair fad ceithir latha le seiseanan adhartach chànain, seiseanan spòrsail, cruthachail agus cèilidhean gus ar luchd-teagaisg agus oidean L1+2 a bhrosnachadh gus Gàidhlig a theagasg mar chànan a bharrachd. Gheibhear lorg air ar goireasan airson na seachdain seo air làimh dhèis na duilleige. Bu mhath leinn taing cuideachd a thoirt do Cho-bhanntachd nan Ùghdarrasan Ionadail a tha an sàs ann am foghlam na Gàidhlig.

Fianais bho Cheannard Bun-sgoile

Faodar leughadh an seo teisteanas bho cheannard Bun-sgoil Ladeside anns an Eaglais Bhric air mar a tha Blasad Gàidhlig air soirbheachadh san sgoil acasan. Cluinnear mar a tha na seiseanan ag obair gu practaigeach, mar a bhios e a’ tighinn ris a’ chloinn agus an tidsearan agus mar a tha iad an dùil a’ Ghàidhlig a leasachadh anns an sgoil san àm ri teachd.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer