An Taigh Òran agus Òrain Ùra

An Taigh Òran

‘S e pròiseact a th’ anns An Taigh Òran a chuir Fèisean nan Gàdheal air dòigh ann an co-bhonn ri Stòras Watercolour.  Bha cothrom aig daoine, le ùidh ann an sgròbhadh òrain, beagan spionnaidh fhaighinn a’ cur seachad ùine ann an Stiùidio Clàraidh Watercolour far an d’ fhuair iad comhairle bho eòlaichean mu òrain a sgrìobhadh agus gleans a chur air na fuinn ‘s na briathran aca.

Anns an sgioba bha Mairi Anna NicUalraig, Nick Turner, Norrie ‘Tago’ MacÌomhair, Alasdair MacIlleBhàin agus Findlay Napier agus tha toradh na h-obrach ri fhaicinn an seo.  Seo bhideo a chaidh a dhèanamh le na compàirteachan agus luchd-teagaisg.

Cluinnidh sibh clàraidhean de na h-òrain gu h-ìseal.

An Taigh Òran

Fèisean nan Gàidheal & Stòras Watercolour

A’ Smuaintean Ort(Emma Leitch & Ceitidh Smith)
Dachaigh na Fèidhe(Robbie Macleod & Ceitidh Smith)
Taobh Eile an Rathaid (Shooz Blooz)(Ceitidh Smith)

Tha sinn gu mòr an comain Alba Chruthachail, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig agus Stòras Watercolour airson taic leis a’ phròiseact seo.

Cothroman Eile

A bharrachd air An Taigh Òran tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith a’ cumail taic ri sgrìobhadh òrain ùra ann an Gàidhlig tro phròiseactean eile:

Thug Fèisean nan Gàidheal cothrom do Bhlair Dùbhghlas òran ùr, Càirdeas, a sgriobhadh a’ comharrachadh Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh agus Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu ann an 2014.  Chleachd a’ mhòr chuid de na Fèisean seo mar Òran na Fèise.  Seo an òigridh aig Fèis Fhoirt ga ghabhail.

Thug Blas an cothrom do Bhlair Dùbhghlas An Aifreann Ghàidhlig aige a thoirt gu buil ann an 2009 agus bhon uair son chaidh i air adhart aig Celtic Connections agus chuir BBC Radio nan Gàidheal prògram a-mach aig àm na Càisg 2010 leis a’ phìos sònraichte seo.

Chùm sinn taic ri Raonaid Walker a sgrìobh òran ùr airson pàirt a ghabhail anns a’ cho-fharpais Liet ann an 2010 agus seo Raonaid agus a h-òrain Fada Bhuam

Chuir Eilidh NicChoinnich òrain ùr ri chèile airson coimisean Blas ann an 2010 nuair a chaidh Saoghal Sona a chuir air an àrd-ùrlar.  A bharrachd air cuairt aig àm na fèise, fhuair Eilidh cothrom Saoghal Sona a chur air adhart a-rithist aig Celtic Connections ann an 2011.  Bha prògram le na h-òrain a chraobh-sgaoileadh le BBC Radio nan Gàidheal aig àm na Nollaig 2010 agus tha fear de na h-òrain a’ nochdadh anns an fhilm Graders.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer