Taic Chruthachail: Dràma & Film

’S urrainn do Fhèisean nan Gàidheal taic chruthachail a thabhann do sgoiltean agus buidhnean-coimhearnachd gus iomadach seòrsa pròiseact dràma a leasachadh ’s a lìbhrigeadh a bhios freagarrach do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.  Tha Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal a’ lìbhrigeadh na seirbheis seo. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios air Aonghas MacLeòid aig angus@feisean.scot.

Sgilean Dràma

’S urrainn do Fhèisean nan Gàidheal bùthan-obrach ann an sgilean dràma a thabhann do bhun-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig.

Anns a’ bhliadhna sgoile 2018/2019 lìbhrig Aonghas MacLeòid sreath de bhuthan-obrach ann an Sgilean Dràma aig Bun-sgoil Inbhir Pheofharain agus Bun-sgoil Bruach a’ Mhuilinn.

Anns a’ bhliadhna sgoile 2017/18 chaidh taic a thoirt do bhuidheann de sgoilearan eadar clas 4 agus clas 7 aig Bun-sgoil Bruach a’ Mhuilinn gus dealbh-chluich ùr mun dàrna chogadh a leasachadh is a thaisbeanadh.   Chaidh sreath de bhuthan-obrach ann an sgilean dràma a thabhann do sgoilearan a bha eadar clas 1 agus clas 3.

Ann an 2011/ 2012 dh’obraich Fèisean nan Gàidheal le bun-sgoiltean le roinnean Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach ’s Loch Aillse agus sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar. Bhathar a’ lìbhrigeadh a’ phròiseact gu cunbhalach tron bhliadhna agus fhuair na sgoilearan a ghabh pàirt eòlas air roghainn fharsaing de sgilean dràma tro shreath de bhùthan-obrach a bha air an toirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig.

Eadar deireadh na Dàmhair agus toiseach an Dùbhlachd 2011 ghabh 206 sgoilear à trì sgoiltean an Uibhist a’ Tuath agus Beinn na Faoghla pàirt anns a’ phròiseact.  ’S iad Sgoil Cheann a’ Bhaigh, Sgoil Chairinis agus Sgoil Bhail’ a’ Mhanaich.  Anns a’ Ghiblean agus sa Chèitean fhuair bun-sgoiltean ann an Leòdhas ’s na Hearadh cothrom pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact cuideachd ’s iad Bun-sgoil Lacasdail, Sgoil an Rubha, Sgoil an Taobh Siar, Sgoil Bhreascleit, Sgoil an t-Òib agus Sgoil Sheileiboist le 126 sgoilear a’ gabhail pàirt uile gu lèir. Chòrd na bùthan-obrach ri na sgoilearan gu mòr.

Pròiseactan Sgoile Sònraichte: Oidhche Challainn

Aig toiseach na bliadhna sgoile seo (2018/2019) thug Fèisean nan Gàidheal taic do na bun-sgoiltean a bha an lùib a’ phròiseact Oidhche Challainn.

Ghabh trì sgoiltean Gàidhlig, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh agus Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar pàirt anns a’ phroiseact.

Naidheachd mu Oidhche Challainn

Chaidh na dealbhan-cluiche aca a shruthadh air loidhne tron t-seirbheis FèisTV is tha na taisbeanaidhean aig na sgoiltean a leanas fhathast rim faicinn air loidhne.




Cruthaich film goirid

Bidh Fèisean nan Gàidheal gu cunbhallach a’ toirt taic do bhuidhnean sgoile ’s buidhnean coimhearsnachd gus filmichean goirid a riochdachadh airson FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid aig MG Alba. Gabhaidh taic chruthachail a thabhann anns na raointean a leanas:

  • A’ leasachadh sgeulachd
  • A’ sgrìobhadh sgriobt
  • A’ filmadh
  • A’ gearradh

Ann an 2016 thug an t-Oifigear Dràma againn taic do Sgioba Dràma Oigridh Inbhir Nis leis an fhilm aca An Sgreuch agus buidheann bho Acadamaidh Inbhir Narainn leis an fhilm a bh’ acasan Cionntach no Neo-chionntach.  Chithear na filmichean aca gu h-ìosal:







Sgilean Dràma airson Rèidio

Ann an 2009/2010 lìbhrig Fèisean nan Gàidheal bùthan-obrach ann an sgilean dràma airson rèidio. Chaidh sreath de bhùthan-obrach stèidhte air sgilean dràma airson rèidio a lìbhreagadh le Fèisean nan Gàidheal ann an 2009/2010 a chruthaich 10 dealbhan-cluiche ùra ann an co-bhonn leis a’ BhBC a chaidh an uair sin a chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal air a’ phrògram òigridh Aileag.

Gabhaidh èisteachd ri na dealbhan-cluiche air-loidhne le bhith tadhal air an duilleag-lìn ‘Clips’ aig Aileag.

Tha fios nas mionadaiche mu dheidhinn na sgoiltean a ghabh pàirt agus ceangalan chun na dealbhan-cluiche ach rim faicinn gu h-ìosal:

Dealbhan-cluiche Gàidhlig a chaidh a chraoladh ann an 2010

Anns a’ bhliadhna sgoile 2009-2010 dh’obraich Fèisean nan Gàidheal le sgoilearan Fèisean nan Gàidheal à Dùn Èideann, Eilean Leòdhais, Uibhist agus an t-Eilean Sgitheanach.

16 Iuchar 2010 – Bun-sgoil Chrois na Cìse, Dùn Èideann
23 Iuchar 2010 – Sgoil Phaibil, Uibhist a Tuath
6   Lùnastal 2010 – Àrd-sgoil Shiaboist, Eilean Leòdhais
13 Lùnastal 2010 – Bun-sgoil Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach
20 Lùnastal 2010 – Sgoil Bhail’ a’ Mhanaich, Beinn na Faoghla
27 Lùnastal 2010 – Sgoil Shiaboist, Eilean Leòdhais
3   Sultain 2010 – Sgoil Dhalabroig A, Uibhist a Deas
10 Sultain 2010 – Àrd-sgoil James Gillespies, Dùn Èideann
17 Sultain 2010 – Bun-sgoil Chille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach
24 Sultain 2010 – Sgoil Dhalabroig B, Uibhist a Deas

Chithear dealbhan a chaidh a thogail tron phròiseict seo air a’ chunntas Flickr aig Fèisean nan Gàidheal: Sgilean Dràma airson Rèidio 2009/ 2010 – Dealbhan

sgoilchillemhoire200410C

Dealbhan-cluiche Gàidhlig a chaidh a chraoladh ann an 2011

Ann an 2010-2011, dh’obraich Fèisean nan Gàidheal còmhla ri Ruairidh MacNeacail, a bha na oifigear dràma do Eden Court gus a’ phròiseact a’ lìbhrigadh ann an sgoiltean Gàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Nis agus Siorrachd Ròis.  Chaidh a’ phròiseact a’ lìbhrigadh ann an sgìre Earra-Ghàidheal, Loch Abar, Taobh Siar Rois agus Loch Ailse cuideachd.

3 Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Thunga – Cù air chall
3rd Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – An Dreallag
10th Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Loch Carrann – An Sìthiche Canadianach (Pàirt 1)
An Sìthiche Canadianach (Pàirt 2)
17 Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – An Tidsear Chrosta
24 Ògmhios 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis- Gangsters
1 Iuchar 2011 – Bun-sgoil Achadh na Creige, An t-Òban – Tha Tàlant aig an Òban
8 Iuchar 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – Tubaist Plean
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – Campachadh
23 Iuchar 2011 – Bun-sgoil a’ Phluic – Cupa na Cruinne-cè – Pàirt 1
Cupa na Cruinne-cè – Pàirt 2
5   Lùnastal 2011 – Bun-sgoil Chnoc na Creige, Baile Dhùbhthaich – Tranylvannia
12 Lùntastal 2011 -Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – Daoimean
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis – Burraidhean
19 Lùnastal 2011 – Bun-sgoil a’ Bhogha Mhòir – MV Catastrophic – Pàirt 1
MV Catastrophic – Pàirt 2
26 Lùnastal 2011 – Bun-sgoil Chnoc na Creige – Taigh Tasgaidh
Bun-sgoil Dhrochaid a’ Bhanna – Turas Sgoile
2 Sultain 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Ghearasdain – Dealbh-cluich – Pàirt 1
Dealbh-cluich – Pàirt 2
9 Sultain 2011 – Bun-sgoil Gheàrrloch – Beathach nam Bròg – Pàirt 1
Beathach nam Bròg – Pàirt 2
16 Sultain 2011 – Bun-sgoil an t-Sàilein
23 Sultain 2011 – Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich, Dùn Omhainn – Pàirt 1
  Pàirt 2
30 Sultain 2011 – Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Ghearasdain – Fainne a’ Bhanrigh

Chithear dealbhan a chaidh a thogail tron phròiseict seo air a’ chunntas Flickr aig Fèisean nan Gàidheal:  Sgilean Dràma airson Rèidio 2010/ 2011 – Dealbhan

IMG_8189

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer