’S e pròiseact tèatar-oideachaidh a th’ ann an Sporan do bhun-sgoiltean na h-Alba a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd. Tha Sporan air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.
Sporan 2021/22: Sgeulachdan an Tilley / Tilley Tales

Am-bliadhna fhuair sgoilearan bun-sgoile a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd (mar L2 agus L3) cothrom dealbh-chluich fhaicinn mar phàirt de thuras a ghabh àite eadar 7 agus 18 Samhain 2022. Chaidh Fearghas Rothach agus Pàdraig Mac a’ Phearsain air chuairt le Tilley Tales, dealbh-chluich stèidhte air sgeulachdan traidiseanta na Gàidhlig. Chaidh an taisbeanadh sìos gu math leis na sgoilearan air fad!
“This is the best thing I have ever done in school.” – Sgoilear P6, Bun-sgoil Chnoc na Creige
Goireasan-sgoile
Tha goireasan co-cheangailte ris an taisbeanadh, freagarrach do Chlas 5-7, ri fhaotainn an seo:
- Tilley Tales | Abairtean & Faclan
- Tilley Tales | Na Sgeulachdan
- Tilley Tales | Na h-Òrain
- Tilley Tales | Na Cleasaichean
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Tilley Tales/Sgeulachdan an Tilley no Sporan cuir fios air Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal angus@feisean.scot.
Sporan 2021/22: Mo Bheannachd Ort!
Air sgàth na bacaidhean a dh’adhbhraich Covid-19 cha robh e comasach turas nàiseanta a dhèanamh le dealbh-chluich Meanbh-chuileag ann an 2021/22 mar b’ àbhaist. An àite dealbh-chluich chaidh film mu Naomh Calum Cille a riochdachadh. ‘S e Mo Bheannachd Ort! tiotal an fhilm is tha e freagarrach airson sgoilearan ann an ceann shuas na bun-sgoile agus sgoilearan àrd-sgoile. Chaidh tionndadh den fhilm ann le fo-thiotalan Beurla na chois agus bùth-obrach dràma stèidhte air an fhilm agus Naomh Calum Cille a thabhann do bhuidhnean-sgoile a tha ag ionnsachadh Gàidhlig mar chànan a bharrachd.
Lorgar ceanglaichean gu goireasan-foghlaim ceangailte ris an fhilm agus Naomh Calum Cille gu h-iosal.
Mo Bheannachd Ort! Goireasan foghlaim (Tionndaidhean Beurla)
- MBO! – Words, Place names, Phrases and Idioms from the film
- MBO! – Hotseating | Anns a’ Chathair Theth
- MBO! – Who am I? | Cò Mi
- MBO! – Charactar Biographies | Cunntas air Caractaran
- MBO! – Matching Cards (Vocabulary) | Cairtean-maidsidh (Briathrachas)
- MBO! – Columba & Gemman Ditty | Rann Chaluim Chille agus Gemman
Goireasan Twinkl airson Sgoiltean ceangailte ri Naomh Calum Cille
- Saint Columba | Naomh Calum Cille (English version)
- Saint Colmcille Time Line | Loidhne Tìde Chaluim Chille
- Saint Columba and the Loch Ness Monster | Naomh Calum Cille agus Uilebheist Loch Nis
- Saint Columba and the Loch Ness Monster (English version)
- Saint Colmcille Writing Activity | Naomh Calum Cille agus Uilebheist Loch Nis – Gnìomh-sgrìobhaidh
- St. Colm Cille Crossword Worksheet (English version)
- Highland Saints – Colouring in pages | Naoimh Ghàidhealach – Duilleagan Cur-dath
- Saint Columba Word Search | Naomh Calum Cille – Faclan-falaichte
Sporan 2018: Fuadach nan Gàidheal
Anns an t-Sultain 2018, thòisich turas leis a’ bhùth-obrach eadar-obrachail ‘Fuadach nan Gàidheal’, a bha ag amas air sgoilearan bun-sgoile eadar P5-P7 a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd. Leasaich Aonghas MacLeòid, Oifgear Dràma Fèisean nan Gàidheal am bùth-obrach agus chaidh a thaisbeanadh aig sgoiltean ann an sgìre Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Thuirt e: “Anns a’ bhùth-obrach chuir sgoilearan eòlas air a’ bhuaidh a bh’ aig na fuadaichean air muinntir na Gàidhealtachd is aig an aon àm fhuair iad cothrom faclan agus abairtean Gàidhlig ionnsachadh co-cheangailte ris a’ chuspair.”
Anns a’ bhùth-obrach chunnaic sgoilearan brat-grèis àlainn a chaidh a chruthachadh a dh’aona-ghnothach son an turais. Chaidh iomadach sealladh bho na fuadaichean fhighe a-steach don bhrat-ghrèis a chruthaich Lizzie NicDùghaill bho The Highland Story Quilts.
Bha an turas mar phàirt den phrògram Sgoile ’s Coimhearsnachd aig an fhèis chiùil Blas a bh’ air a lìbhrigeadh tron t-seirbheis foghlaim Fèisgoil.
Sporan 2017: Coinneach Odhar

Anns an t-Sultain 2017 chaidh ‘Coinneach Odhar air chuairt ann an siorrachd Rois agus sgìre Inbhir Nis. Bha an turas mar phàirt den phrògram fhoghlaim aig an fhèis chiùil Blas.
Leasaich agus lìbhrig Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid am bùth-obrach eadar-obrachail mu bheatha an fhiosaiche, a bha ag amas air sgoilearan bun-sgoile eadar P5-P7 a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd.
Rè 11 latha eadar 4 agus 21 Sultain 2017 thadhail Aonghas air 14 bun-sgoiltean far an deach am bùth-obrach a’ lìbhrigeadh do 34 buidhnean. Bha mu 880 sgoilear an làthair aig na bùthan-obrach seo. Anns a’ Mhàirt 2018 chaidh am bùth-obrach a thaisbeanadh aig trì sgoiltean a bharrachd ann an sgìre Loch Nis.
Sporan 2015: Obair Latha Tòiseachaidh
Chaidh Obair Latha Tòiseachaidh (Getting Going), dealbh-chluich mun Chogadh Mhòr, air chuairt ann an sgìre Loch Abar ann an 2015.