2024-25: Òran Co-roinnte – Mhic Iarla nam Bratach Bàna
Ged a bhios sgoilearan ag ionnsachadh iomadh òran agus port rè nan seiseanan ICO anns am bi iad an sàs, bu mhath leinn gu mòr gun tigeadh sgoiltean agus teaghlaichean cuide rinn ann a bhith ag ionnsachadh òran co-roinnte. Thathar an dòchas gun ionnsaich gach sgoilear ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd sèist an òrain seo agus gun gabh sgoilearan air feadh sgìrean nam Fèisean ionadail na rannan aca fhèin còmhla.
Rinneadh an t-òran luaidh seo do mhac iarla nam bratach bàna. Tha long annasach aige le stiùir òir agus dà chrann airgid. Tha na cuplaichean de shìoda na Gaillmhinn agus sìoda na Spàinne. Cha b’ ann an Glaschu a bha e, no ann an Dùn Bheagain no Dùn Tuilm.
Cluinnear iomadh dreach den òran seo air làrach-lìn Sgoil Eòlais na h-Alba, Tobar an Dualchais. Brùth an seo gus Calum Aonghais Chaluim agus Flòraidh NicNeìll a chluinntinn ga ghabhail.
Brùth air an liosta-cluiche gu h-ìosal airson an t-òran a chluinntinn. An seo, gheibh thu cuideachd an t-òran air a ghabhail le piàna, le cliog agus na faclan air an cantail gu slaodach.
2023-24: A’ comharrachadh 300 bliadhna de Dhonnchadh Bhàn – Òrain san Àrainneachd
Hoireann ò ho hìri dhiu o
Hoireann ò ho hìri dhiu o
Hoireann ò hìri dhiu o
’S i mo dhùthaich a dh’fhàg mi
Hoireann ò ho hìri dhiu o
Hoireann ò ho hìri dhiu o
Hoireann ò hìri dhiu o
It’s my homeland I left
Gheibhear na rannan ann am Bileag Òrain TVV.
Brùth gu h-ìosal airson an t-òran a chluinntinn air a ghabhail le Anna Mhàrtainn. Gheibhear cuideachd clàradh de na faclan air an aithris gu slaodach gu h-ìosal.
Sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd
Tha gach soirbheas air a bhith a’ leantainn air a’ cho-obrachadh eadar Iomairt Ceòl na h-Òigridh (ICO) agus High Life na Gàidhealtachd, a tha a’ toirt seachad 8 seachdainean gach bliadhna de cheòl traidiseanta ann an gach fear de na 173 bun-sgoiltean anns an sgìre. Thig leasachadh agus adhartas tro bhith a’ comharrachadh nan clasaichean as riatanaiche, gu h-àraidh a chionn ‘s gu bheil na clasaichean air a bhith a’ ruith a-nis airson fichead bliadhna. Tha sgoilearan agus sgoiltean a-nis a’ coimhead air ICO (traidiseanta) mar phàirt stèidhichte den chlàr-oideachaidh.
‘S i Eilidh NicCoinnich a bhios a’ cumail sùil air lìbhrigeadh na seirbheis às leth Fèisean nan Gàidheal far a bheil a dreuchd a’ cur cuideam air ìre-teagaisg àrd, trèanadh agus stòrasan-teagaisg. Tha cuid de na Fèisean – Fèis Chataibh, Fèis an Earraich, Fèis Inbhir Narainn, Fèis Lochabair, Fèis Rois agus Fèis Spè – a’ cur clàran-ama nan sgìrean aca fhèin air dòigh agus a’ lorg luchd-teagaisg freagarrach.
Tha fios air ais bho na sgoiltean agus na sgoilearan air a bhith air leth brosnachail agus tha luchd-teagaisg air a bhith an-sàs ann an diofar thachartasan sgoile, a’ dearbhadh cho cudromach ’s a tha an dreuchd.
Gus nach tèid an aon rud a theagasg ann an clasaichean-ciùil na sgoile, tha an sgeama ag amas air trì prìomh roinnean; fìdeag, òrain (gu h-àraidh òrain Gàidhlig) agus a’ cluich còmhla, ged a tha dòigh na bu fhreagarraiche air a leasachadh a-nis a tha a’ toirt cothrom dha ICO (traidiseanta) a choileanadh feumalachdan sgoiltean/sgoilearan fa leth.
Tha an Iomairt a’ toirt cosnadh dha mòran luchd-ciùil air a’ Ghàidhealtachd agus, a bharrachd air trèanadh, tha cothrom aca a bhith a’ teagasg ciùil ann an dòigh nas fhoirmeile. Tha seo air a bhith luachmhor dhan mhòr chuid agus tha feadhainn dhiubh air ùidh a ghabhail ann am foghlam agus air a dhol air adhart gu teagasg mar dhreuchd.
Bidh na sgoilearan a’ faotainn chothroman ionnsachadh bho luchd-ciùil air leth, gus an eòlas ciùil àrdachadh agus faodaidh iad seo a leantainn tro Fhèisean ionadail.
Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu eilidh@feisean.scot.
Goireasan agus Fiosrachadh
Gheibhear stòras òrain agus fìdeige airson luchdadh a-nuas agus goireasan Thighibh is Cluichibh, a chaidh a leasachadh le Fèis Phàislig, air taobh deas na duilleige. ‘S e sreath de bhidiothan air-loidhne a chumas taic ri Stòras na Fìdeig a th’ ann an Thigibh is Cluichibh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun ghoireas gu h-ìosal. Gheibhear na bhidiothan air fad an seo.
Tha sreath de bhidiothan goirid le agallamhan bho sgoilearan agus luchd-teagaisg a bha an sàs ann an Iomairt Ceòl na h-Òigridh air a’ Ghàidhealtachd rim faicinn gu h-ìosal. Chithear clàr de na bhidiothan aig fìor mhullach a’ chluicheadair air an làimh dheis.


