Bidh sinn a’ cumail stòr-dàta de luchd-teagaisg far am faigh buill Fèisean nan Gàidheal a-mhàin fiosrachadh mu na h-oidean a tha clàraichte leinn. Tha seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh cumanta mar ainm, seòladh is mar sin air adhart cuide ri fiosrachadh mu PVG agus oidhirpean a chaidh a dhèanamh le luchd-teagaisg a’ Ghàidhlig ionnsachadh.
Ma tha sibh ag iarraidh a bhith clàraichte air ar stòr-dàta, no ma tha sibh airson fiosrachadh ùrachadh, gheibhear foirm a ghabhadh a lìonadh a-steach air taobh deas na duilleige ann an cruth Word no PDF.