Ghabhadh trèanadh a chur air dòigh airson buill chomataidhean aig àm sam bith a tha freagarrach dhaibh. Dh’fhaodadh Oifigearan Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal seiseannan a lìbhrigeadh ann an Cùram Chloinne/Sgeama PVG, A’ cur an gnìomh Poileasaidh Gàidhlig agus Dleastanasan Buill Chomataidh/Urrasairean.
Thèid trèanadh air cuspairean eile a chur air dòigh a-rèir iarrtais, no dh’fhaodadh gum bi taic-airgid ri fhaighinn airson trèanadh a dhèanamh aig ìre ionadail.
Bu chòir luchd-eagrachaidh nam Fèisean a bhruidhinn ris an Oifigear Leasachaidh aca anns a’ chiad dol a-mach.