Bha Fèisean nan Gàidheal toilichte co-obrachadh le Comunn na Gàidhlig agus buidhnean eile airson Iomairtean Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an diofar sgìrean. Bha seo mar phàirt de phròiseact air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig airson cothroman ionnsachaidh agus cleachdaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh aig ìre nan coimhearsnachdan.
Bha Fèisean nan Gàidheal air taic a thoirt le iomadh pròiseact, nam measg Meanbh-Fhèis ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus taic le clò-bhualadh irisean air an sgrìobhadh leis na sgoilearan. Faodaidh sibh An Dàrna Làr, Brag, Sin agad e! agus OK Mata! a lorg air làmh dheas na duilleige agus seo dealbhan bhon Mheanbh-Fhèis
Chithear bhideo a chaidh a dhèanamh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh an seo.