Tha Fèisean nan Gàidheal a’ gabhail pàirt sa phròiseact eadar-nàiseanta seo. Mar phàirt dheth, chaidh cruinneachadh is fèill eadar-nàiseanta nan ealain is a’ chultair a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach eadar 26 agus 28 Ògmhios 2013. Thug Tional cothrom air leth dhuinn a thighinn cruinn còmhla le compàirtichean à dùthchannan a leithid Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, Galicia, Na h-Eileanan Fàro, Dùthaich nam Basgach agus Fryslan. Tha iomadh pròiseact air leantainn bhon uair sin.
Gheibhear prògram na co-labhairt air taobh deas na duilleig.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun phròiseact san fharsaingeachd an seo.