Is ann do dh’Ùghdarrasan Ionadail, bhuidhnean phoblach agus buidhnean eile aig a bheil ùidh ann a bhith a’ leasachadh no a’ cur an gnìomh Plana Gàidhlig a tha seiseanan Eòlas air a’ Ghàidhlig. Bidh na seiseanan seo air an deasachadh gu sònraichte gus am faigh gach buidheann seisean cho beantainneach agus inntinneach ’s a ghabhas, a’ gabhail a-steach eachdraidh a’ chànain, còmhradh agus briathrachas bunaiteach is freagarrach don obair aca agus leasachadh Plana Gàidhlig.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot no 01463 225559.
Fonndas Uilleim Ghrannd
Mar as trice bidh Fèisean nan Gàidheal a’ lìbhrigeadh seiseanan Eòlas air a’ Ghàidhlig do bhuidhnean le Plana Gàidhlig agus dleastanas ga chur air doigh. Ach, dh’iarr aon de na bhuidhnean maoineachaidh againn oirnn seisean fa-leth a chur air dòigh do bhuill de bhuidheann Cultar agus Dualchas na h-Alba aig Fonndas Uilleim Ghrannd. Mar phàirt dheth rinn sinn rannsachadh air òrain le ceangal do dheoch-làidir agus tha bileag de na h-òrain ri fhaotainn an seo.


