Tha iomadh cothrom air a bhith aig òigridh nam Fèisean pàirt a ghabhail ann an tachartasan a tha a’ taisbeanadh an cuid tàlantan, eadar cuirmean mòra a leithid Ceòl nam Fèis, Duaisean a’ Chrannchuir Nàiseanta a chaidh a chraobh-sgaoileadh air feadh na dùthcha air BBC1, no pìosan ciùil ùra a leithid Harvest no Dealbh Dùthcha a bharrachd air tachartasan aig Blas gach bliadhna. Tha cothroman air a bhith aca pàirt a ghabhail ann an grunn phrògraman telebhisean cuideachd a leithid Beòlach, Ho-ro Gheallaidh agus iTrad.
Ann an 2014, chluich compàirtichean Fèisean air beulaibh sluagh de 5,000 aig Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu. Fhuair iad cothrom an uair sin a chluich ag Cuirm Duaisean Ciùil na h-Alba san Dùbhlachd 2014 air thoiseach air cuirm aig Celtic Connections san Fhaoilleach 2015.
Ann an 2018 – Bliadhna na h-Òigridh ann an Alba – chaidh cuirm Ceòl nam Fèis a chumail ann an Inbhir Pheofharain air thoiseach air tachartas fon ainm Òran Mòr aig Blas far an d’ fhuair òigridh cothrom nochdadh air an àrd-ùrlar leis na còmhlain a thagh iad fhèin.
Chì sibh eisimpleirean de thaisbeanaidhean le bhith a’ leantainn nan ceanglaichean gu h-ìseal:
Fèis Rois aig na Proms ann anTalla Rìoghail Albert 2011
Ceòl nam Fèis 2014
Ceòl nam Fèis 2018 (Bliadhna na h-Òigridh)