
Tha Comhairle nan Eilean Siar air leth toilichte fàilte a chur air Saoghal na Cloinne Bige. Is e seo cruinneachadh de sia òrain fichead airson nan tràth bhliadhnaichean agus chaidh an coimiseanadh leis a’ Chomhairle gu Fèisean nan Gàidheal. Chaidh mòran de na h-òrain a sgrìobhadh as ùr agus iad ga do toirt tro latha ann am beatha leanabh òg; bho bhith a’ dùsgadh anns a’ mhadainn, turas chun na bùthan, a’ cèilidh air taigh granaidh gu bhith a’ dol dhan leabaidh – tha iad uile rim faotainn air Saoghal na Cloinne Bige.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Manaidsear Foghlam Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar:
“Tha sinn gu mòr air ar dòigh leis a’ ghoireas ùr seo agus cinnteach gum bi fàilte mhòr air thall sa bhos. Tha na h-òrain cho breagha agus tarraingeach agus tha fios againn cho cudromach sa tha òrain ann a bhith a’ stèidheachadh agus a’ daingneachadh deagh bhriathrachais aig an taigh agus anns gach suidheachadh foghlaim. Chan eil àm ro thràth ann tòiseachadh a’ seinn le do chuid chloinne agus bidh na h-òrain seo freagarrach, an dà chuid, airson fileantaich agus luchd-ionnsachaidh”.
Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal:
“Bha e na thlachd dhuinn a bhith ag obair le Comhairle nan Eilean Siar air pròiseact cho taitneach. Rinn na còignear sheinneadair a bha ag obair còmhla rinn sònraichte math, le taic air leth bho Pablo Lafuente agus Barry Reid. O thoiseach tòiseachaidh bha e na amas dhuinn gu robh measgachadh ann de dh’òrain agus fuinn traidiseanta agus cuideachd òrain ùr. Chuir sinn fuinn ùr air pìosan bàrdachd aig Mairead Hulse, nach maireann, agus an seinneadair agus preaseantair, Linda NicLeòid. A thuilleadh air sin, bha luchd-obrach Fèisgoil cuideachd an-sàs ann a bhith a’ sgrìobhadh agus a’ toirt blasad air beatha leanabh beag”.
Faodar na h-òrain a luchdadh sìos saor san asgaidh tro Apple, Amazon, Spotify agus tha iad rim faighinn air YouTube cuideachd. Gheibhear an ceangal airson luchdadh sìos an seo. Anns na mìosan a tha air thoiseach oirnn thèid dealbhan beò a chruthachadh a bhios a’ dol an cois na h-òrain. Bidh na h-òrain, le iomadach goireas eile, rim faighinn cuideachd air app a tha Comhairle nan Eilean Siar ag obair air an-dràsta. Nam bu toil leibh CD fhaighinn leig fios gu evelyn@gnes.net.