Pròiseactan Cultarail is Eachdraidheil

Ag obair còmhla ri Comunn na Gàidhlig air a’ phròiseact bhliadhnail aca Seachdain Dhùn Èideann, tha Fèisean nan Gàidheal air cuairt Ghàidhlig ann an Caisteal Dhùn Èideann a rannsachadh is a dhealbhachadh do chloinn nam bun-sgoiltean Gàidhlig.

Tha sinn air ceangal a dhèanamh eadar tachartas luachmhor a thaobh foghlam agus timcheall dòigh teagaisg a bhios a’ toirt eachdraidh is dualchas a’ Chaisteil beò ann an dòigh spòrsail tarraingeach, le fòcas sònraichte ga chur air eachdraidh Ghàidhlig an làraich.

Thèid clann a thoirt air feadh a’ Chaisteil, is thèid cuid de na rudan as inntinniche is as spòrsaile mun làrach a mhìneachadh dhaibh.

Tha pasgan-taice/stiùiridh ri fhaighinn a chleachdas a’ chlann fhad ‘s a tha iad a’ dol timcheall a’ Chaisteil.

Leis a’ chuairt seo tha sinn ag amas gu sònraichte air p4 gu 7, ach tha sinn air clann nas sine agus nas òige a thoirt oirre.

Cuairtean rim faighinn ann an Gàidhlig, no ann am Beurla le blasad Gàidhlig mar phàirt den chuairt.

Builean a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais

  • ag ionnsachadh mar a bhios iad a’ lorg, a’ rannsachadh agus a’ dèanamh ceangal eadar amannan, daoine agus tachartasan ann an tìm agus àite
  • ag ionnsachadh mar a bhios iad a’ lorg, a’ rannsachadh agus a’ dèanamh ceangal eadar feartan agus àiteachan gu h-ionadail agus nas fhaide a-muigh
  • a’ stèidheachadh bhunaitean airson ionnsachadh fad-bheatha agus airson ionnsachadh is dhreuchdan san àm ri teachd.
  • a’ cur ri an tuigse air eachdraidh, dualchas agus cultar na h-Alba, agus a’ cur luach air an dualchas ionadail agus nàiseanta anns an t-saoghal
  • a’ leudachadh an tuigse mun t-saoghal le bhith ag ionnnsachadh mu obair agus adhartas dhaonna san àm a dh’fhalbh agus san latha an-diugh
  • a’ rannsachadh agus a’ luachadh diofar sheòrsaichean fiosrachaidh agus fianais
Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer