Fuaran: Fèisean nan Gàidheal a’ cruinneachadh òran
Tha iarrtas soirbheachail dhan phrògram Freumhan Òga aig an Heritage Lottery Fund air leigeil le Fèisean nan Gàidheal, an co-bhonn le Tobar an Dualchais agus Colaiste a’ Chaisteil OGE (Àrainn Bheinn na Faoghla), pròiseact dualchais shònraichte a lìbhrigeadh air a bheil ‘Fuaran’.
Tro Fhuaran tha naonar sheinneadair air taic agus trèanadh fhaighinn is iad a’ rannsachadh agus ag ionnsachadh mu dhualchas seinn nan sgìrean aca. Gu ruige seo tha an sgioba air 22 òran a bhuineas dha Siorrachd Pheairt, Tiriodh, Barraigh, Uibhist a Tuath agus Leòdhas a lorg. Tha gach seinneadair air clàradh fuaim agus bhideo phroifeiseanta a dhèanamh de na h-òrain a lorg iad. Thèid na goireasan seo le facail nan òran agus na sgeulachdan air an cùlaibh air loidhne ann an cruth didseatach a dh’aithghearr.
Cliog an seo gus tadhal air làrach-lìn Fuaran
Mu Phròiseact nan Tasglann
Eadar 2008 agus 2011, le taic bho Stòras Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta chuir Fèisean nan Gàidheal Pròiseact nan Tasglann air dòigh a thug cothrom do dhaoine òga, a bha a’ gabhail pàirt anns na Fèisean, ceòl, òrain agus sgeulachdan ionadail a chlàradh anns na coimhearsnachdan aca fhèin. ’S e cothrom air leth a bha seo do na Fèisean an dualchas ionadail aca fhèin a ghlèidheadh agus àrdachadh agus do chom-pàirtichean barrachd ionnsachadh mu chultar agus traidiseanan nan sgìrean aca fhèin. Cuideachd, thug e cothrom do chom-pàirtichean sgilean ùra sònraichte ionnsachadh anns na seiseanan trèanaidh a chuir Fèisean nan Gàidheal air dòigh dhaibh.
Fèisean a ghabh pàirt ann am Pròiseact nan Tasglann:
Faodaidh sibh leabharan bho gach Fèis a leigeil a-nuas air taobh deas na duilleig seo agus cluinnidh sibh cuid de na clàraidhean a chaidh a thogail gu h-ìseal.
Fuaran
Pròiseact nan Tasglann2008-2011