Le taic shònraichte bho Alba Chruthachail, agus buidhnean eile, tha cothrom ga thabhann do cuid de na Fèisean ionadail ceòladair air muinntireas a bhith aca airson sia mìosan (sùbailte) ag amas air cothroman ionnsachaidh a leudachadh do dh’òigridh agus do dh’oidean ùra.
‘S e Dihaoine 26mh Gearran @ 5f an ceann-latha airson ùidh a nochdadh agus gheibhear barrachd fiosrachadh san stiùireadh air taobh deas na duilleige far a bheil foirm cuideachd airson ùidh a chlàradh.