Obraichean is Cùmhnantan

Co-òrdanaiche ICO

Tha co-obrachadh eadar Iomairt Ceòl na h-Òigridh (ICO) agus High Life na Gàidhealtachd, a tha a’ toirt seachad 8 seachdainean gach bliadhna de cheòl traidiseanta ann an gach fear de na 167 bun-sgoiltean anns an sgìre. Tha na clasaichean air a bhith a’ ruith a-nis airson 23 bliadhna. Tha sgoilearan agus sgoiltean a-nis a’ coimhead air ICO (traidiseanta) mar phàirt stèidhichte den chlàr-oideachaidh. Tha cuid de na Fèisean – Fèis Chataibh, Fèis an Earraich, Fèis Lochabair, Fèis Rois agus Fèis Spè – a’ cur clàran-ama nan sgìrean aca fhèin air dòigh agus a’ lorg luchd-teagaisg freagarrach.

Tha an sgeama ag amas air trì prìomh roinnean; fìdeag, òrain (gu h-àraidh òrain Ghàidhlig) agus a’ cluich còmhla, ged a tha dòigh na bu fhreagarraiche air a leasachadh a-nis a tha a’ toirt cothrom do ICO (traidiseanta) a choileanadh feumalachdan sgoiltean/sgoilearan fa leth. Tha an Iomairt a’ toirt cosnadh dha mòran luchd-ciùil air a’ Ghàidhealtachd agus, a bharrachd air trèanadh, tha cothrom aca a bhith a’ teagasg ciùil ann an dòigh nas fhoirmeile. Bidh na sgoilearan a’ faotainn chothroman ionnsachadh bho luchd-ciùil air leth, gus an eòlas ciùil àrdachadh agus faodaidh iad seo a leantainn tro Fhèisean ionadail.

Tha sinn a’ coimhead airson Co-òrdanaiche airson Bun-sgoiltean Chataibh.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer