Gheibhear gach poileasaidh aig Fèisean nan Gàidheal airson luchdadh a-nuas air taobh deas na duilleig seo. Bidh poileasaidhean air an aontachadh leis a’ Bhòrd-stiùiridh ach tha iad fo sgrùdadh leantainneach aig amannan iomchaidh. Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh nam poileasaidhean no beachdan air na th’ againn an seo leigibh fios thugainn.
Tha Fèisean nan Gàidheal a’ brosnachadh chothroman co-ionnanachd anns gach suidheachadh is tha seo air a mhìneachadh anns na Poileasaidhean airson Co-ionnanachd Chothroman, Poileasaidh airson So-ruigsinneachd agus Plana Co-ionnanachd, Iomadachd agus In-ghabhail.
Tha e na amas cudromach aig Fèisean nan Gàidheal gum biodh tachartasan na buidhne agus nam Fèisean fosgailte do gach neach. Ma tha fiosrachadh a dhìth air Fèis sam bith mu na ghabhas dèanadh gus feumalachdan gach neach a ruighinn agus mu thaic airson seo a thoirt gu buil, leigibh fios dhan Oifigear Leasaichaidh agaibh anns a’ chiad dol a-mach.
Obair Chothromach an Toiseach
Tha Fèisean nan Gàidheal a’ cur a làn taic ri prionnsabalan Obair Chothromach an Toiseach.
‘S e Fastaidhear Tuarastal Bith-bèo a th’ anns a’ bhuidhinn agus chan eil neach-obrach sam bith a’ faotainn nas lugha na am Fìor Thuarastal Bith-beò. Bidh gach cunnradair agus luchd-ealain neo-cheangailte a’ faotainn ìrean-pàighidh stèidhichte le Aonadh Luchd-ealain na h-Alba, Aonadh an Luchd-ciùil agus Equity mar a bhios iomchaidh.
Tro chumhaichean tabhartais, bidh a’ bhuidheann a’ brosnachadh pàigheadh iomchaidh am measg a ballrachd ged a tha an comas aig Fèisean ionadail ìrean sònraichte a phàigheadh an urra ris na suidheachaidhean ionmhais aca fhèin. Ge-tà, feumaidh neach ann an dreuchd maoinichte le Fèisean nan Gàidheal am Fìor Thuarastal Bith-beò fhaotainn aig a’ char as lugha.
Tha ìrean-pàighidh an gnìomhchais air an cur air adhart tro na stòrasan airgid a bhios Fèisean nan Gàidheal a sgaoileadh às leth Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig.
Tha e fosgailte do luchd-obrach ballrachd a ghabhail ann an aonadh-ciùird. Mar bhuidheann bheag cha deach iarraidh oirnn aonadh sam bith aithneachadh ach dhèiligeadh Fèisean nan Gàidheal gu cothromach ri iarrtas sam bith nan tigeadh a leithid air adhart san àm ri teachd.
Tha tuarastail luchd-obrach Fèisean nan Gàidheal stèidhichte air na bhios ùghdarrasan ionadail a phàigheadh, mar is trice a’ leantainn stiùir Unison. Bhon a thàinig Obair Chothromach an Toiseach gu bith, chaidh brosnachadh a thoirt do luchd-obrach na buidhne riochdaire a thaghadh a bhios deònach cùis sam bith co-cheangailte ri tuarastail agus suidheachaidhean obrach a thogail le stiùirichean às an leth.
Tha Obair Chothromach an Toiseach a’ nochdadh air clàr coinneamhan luchd-obrach gu cunbhalach agus tha cothrom aig duine sam bith puingean no draghan a thogail. Tha sinn air ceisteachan a sgaoileadh a’ sireadh bheachdan bho luchd-obrach mu thuarastail agus cumhaichean cosnaidh. Tha guth aig luchd-obrach, cuideachd, tro phròiseas measaidh na buidhne agus bidh còmhradh mun leithid ga bhrosnachadh nuair a bhios seiseanan foirmeil measaidh a’ dol air adhart.
Tha sinn a’ creidsinn gu bheil na ceumannan a tha sinn air gabhail gu ruige seo iomchaidh airson buidheann bheag agus a’ freagairt air feumalachdan ar luchd-obrach aig an ìre seo. Coltach ri iomadh cùis eile, ge-tà, bidh lèirmheas cunbhalach ga dhèanamh air an t-suidheachadh.


