Chaidh Fèisean nan Gàidheal a stèidheachadh ann an 1991 mar an comann iomlan neo-eisimeileach airson Iomairt nam Fèisean. ‘S i buidheann le ballrachd a th’ innte a tha a’ tairgse iomadh seirbheis a’ gabhail a-steach taic bho oifigearan, taic-airgid, trèanadh, àrachas, taic cànaineach, deuchainnean sgrùdaidh agus iasadan ionnsramaidean.
‘S e companaidh earranta a th’ ann am Fèisean nan Gàidheal, clàraichte ann an Alba SC130071. ‘S i Buidheann Charthannais Albannaich a th’ innte, àireamh SC002040, maoinichte le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Fonndas Uilleim Ghrannd agus, bho àm gu àm, Riaghaltas na h-Alba. Bidh Fèisean nan Gàidheal a’ lìbhrigeadh chùmhnantan do dh’iomadh buidheann, nam measg Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle nan Eilean Siar, High Life na Gàidhealtachd agus co-bhanntachd nan ùghdarrasan ionadail a bhios a’ cumail taic ri leasanan Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh.
Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Gnothaichean a-muigh, a’ Bhun-reachd agus Cultair, Aonghas Robasdan MSP, ann an teachdaireachd gu co-labhart bhliadhnail na buidhne ann an 2021: “I’m aware that, as an organisation, you’ve never stood still and have always been developing and building on the work of previous years. Fèisean nan Gàidheal has enriched the cultural life of Scotland, with its strong support for traditional music and Gaelic, and we all look forward to this continuing in the months and years ahead.”
Tha an dòchas is a’ bheothalachd a th’ ann an-diugh a thaobh ceòl traidiseanta agus adhartachadh na Gàidhlig ann an Alba, gu ìre nach beag, mar thoradh air mar a tha na Fèisean air soirbheachadh.
Tha Fèisean nan Gàidheal air aon de na buidhnean a tha faotainn maoineachadh gu cunbhalach bho Alba Chruthachail agus tha sinn a’ toirt taic do 47 Fèisean teagaisg a tha a’ toirt ionnsachadh ann an ealain dhualchasach na Gàidhlig do dh’òigridh air feadh Alba. Tha na Fèisean air a bhith toirt oideachadh do dhaoine òga ann an ceòl traidiseanta, òrain Ghàidhlig is dràma Ghàidhlig airson còrr is 40 bliadhna. Bidh mu 6,000 duine òg a’ gabhail pàirt sna clasaichean gach bliadhna le àrdachadh sna h-àireamhan a-rithist is sinn a’ gluasad air adhart bhon phandemic.
Tha Fèisean nan Gàidheal an urra ris an fhèis Blas, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, agus bidh sinn a’ toirt taic do dh’Fhèisean a tha a’ cur air adhart Cèilidhean air Chuairt a’ toirt chothroman do dh’òigridh a chluich air beulaibh nam mìltean gach bliadhna.
Bidh sinn cuideachd a’ ruith na seirbheis Fèisgoil airson obair ealain Ghàidhlig a lìbhrigeadh ann an sgoiltean le timcheall air 13,000 com-pàirtiche. Tron t-seirbheis bidh clasaichean ciùil gan cur air adhart tro Iomairt Chiùil na h-Òigridh agus a’ teagasg Gàidhlig far a bheil taic a dhìth tro GLI agus 1+2. Thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh chaidh pròiseact ealain a thabhann air gach sgoil eileananch ann an Alba. Chìthear cuid de thoraidhean Treòir Voar Virr sa bhideo seo.
Tha obair dràma Ghàidhlig a’ dol air adhart eadar dealbhan-cluiche a bhios a’ dol air chuairt, dealbh-chluich Nollaige agus Sgoil Shamhraidh Dràma gach bliadhna. Tha an tachartas bliadhnail 5 Latha a’ leigeil le deugairean a dhol an sàs ann an gnìomhan eadar-dhealaichte tro mheadhan na Gàidhlig ann an coimhearsnachd taobh Siar Leòdhais.
Ma thèid àireamh an luchd-èisteachd aig tachartasan beò agus pròiseactan eile air loidhne sa bheil sinn an sàs a chunntais – a leithid Oide, Fuaran, FèisTV agus taic do bhuidhnean agus luchd-ealain fa leth tro na sgeamaichean Tasgadh agus Maoin nan Ealan Gàidhlig (airgead a bhios sinn a’ sgaoileadh às leth Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig) – tha sinn a’ ruighinn barrachd air 100,000 neach gach bliadhna.
Air taobh deas na duilleige ghabhadh Plana Prògraim na buidhne, Plana Co-ionnanachd, Iomadachd is In-ghabhail, pàipear le cùl-fhiosrachadh, taisbeanadh le ceanglaichean gu eisimpleirean de ar n-obair cho math ri mapa a’ sealltainn cho farsaing ‘s a tha ar n-obair a ruighinn, a luchdadh a-nuas. Gheibhear, cuideachd, eachdraidh 25 bliadhnaichean de na Fèisean.
Tha liosta den luchd-obrach ri fhaicinn an seo le na dleasdanasan sònraichte aca.
Tha liosta de bhuill a’ Bhùird-stiùiridh a bhios a’ riaghladh Fèisean nan Gàidheal ri fhaicinn an seo cuide ri pàipearan a’ Bhùird.