Is e Meanbh-chuileag ainm a’ phròiseact tèatar-oideachaidh a th’ aig Fèisean nan Gàidheal agus gach bliadhna thèid dealbh-chluich ùr a riochdachadh agus turas nàiseanta a chur air dòigh a bhios ag amas air sgoilearan aig an Dàrna Ìre ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha na dealbhan-cluiche agus tursan air an lìbhrigeadh tron t-seirbheis Fèisgoil againn a th’ air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.
An-dràsta ’s a-rithist bidh cuid de na dealbhan-cluiche freagarrach do roinnean Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile cuideachd. Às dèidh an taisbeanaidh gheibh sgoilearan cothrom ceistean a chur air na cleasaichean mun dealbh-chluich agus pàirt a ghabhail ann am bùth-obrach dràma co-cheangailte ris a’ chuspair.
Chan urrainn dhuinn gach taisbeanadh a thoirt do gach sgoil Ghàidhlig ach tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall tadhal air a’ chuid as motha de sgoiltean as urrainn dhuinn anns gach cuairt agus cothrom a thoirt do dhiofar sgoiltean gach bliadhna.
Gus am bi na dealbhan-cluiche againn a’ freagairt air feumalachdan a’ mhòr-chuid de sgoiltean, bidh Fèisean nan Gàidheal a’ cur fàilte air molaidhean bho sgoiltean mu chuspairean a bhiodh na bhuannachd do sgoilearan mar bhun-stèidh do dhealbhan-cluiche ùra.
Meanbh-chuileag 2025/26: Dìleab Iain agus Maireid
Tha an taisbeanadh as ùire againn ag innse mun tasglann aig Iain Latharna Caimbeul agus Mairead Fay Sheathach ann an Taigh Chanaigh.

Bha miann air Mairead Fay Sheathach, cluicheadair piàno agus, mu dheireadh, ceòl-eòlaiche dùthchail agus neach-deilbh, tighinn a dh’Alba às dèidh dhi òrain Ghàidhlig a chluinntinn aig tachartas ann am Baile Eilidh. Is e sin a rinn i agus shiubhail i air feadh Alba gus an do ruig i Gleann Dail bho Thuath ann an Uibhist a Deas. Air aoigheachd aig peathraichean Màiri agus Peigi NicRath (Màiri agus Peigi Anndra), thàinig piseach air a’ chomas aice anns a’ Ghàidhlig agus dh’fhuirich i acasan fad beagan bhliadhnaichean a’ clàradh bheathannan nam ban agus an nàbaidhean.
Tha cliù aig Iain Latharna Caimbeul, a bha na neach-àrainneachd adhartach agus sgoilear na Gàidhlig, mar fhear a chur bun-stèidh air dòigh airson Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig agus, leis a sin, shaoilear gum biodh e iomchaidh sealladh air a bheatha a thoirt do chlann a tha ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig san latha an-diugh.
Choinnich Iain agus Mairead ann an Uibhist a Deas ann an 1934 agus, ceithir bliadhnaichean às dèidh sin, cheannaich iad Eilean Chanaigh agus thuinich iad an sin. Rè pòsadh a mhair 60 bliadhna, dh’fhàs an com-pàirteachas cruthachail a bh’ eadarra gu bhith na stòras toinnte agus prìseil de dhòigh-beatha nan Gàidheal a bha an impis atharrachadh gu mòr. Às dèidh do Mhairead caochladh ann an 2004 aig aois 101 (chaochail Iain 8 bliadhna ro làimh), chaidh an taigh agus an stuth luachmhor a bha na bhroinn fhàgail do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba.
Thèid an dealbh-chluich a thoirt beò le Grace Morton, oide Fèisgoil ach tè a tha ùr ris na taisbeanaidhean dràma againn, agus Fearghas Rothach (Passion, Salt and Light), a tha gu math eòlach air tursan dràma Fèisean nan Gàidheal agus pròiseactan Fèisgoil eile.
Goireasan-sgoile
- Dìleab Iain agus Maireid: Abairtean & Faclan
- Dìleab Iain agus Maireid: Òrain
- Dìleab Iain agus Maireid: Mapaichean
- BBC: Criomag de phrògram mu MFS
- Uicipeid: Mairead Fay Sheathach
- Uicipeid: Iain Latharna Caimbeul
Naidheachd mun Turas
Tha naidheachd mun chiad turas a chaidh a dhèanamh leis an dealbh-chuich anns an t-Sultain 2025 ri fhaicinn an seo
Meanbh-chuileag 2024/25: Cà’ Deach a’ Chlach?

Chuir Cà’ Deach a’ Chlach?, tiotal a chaidh a thogail bho òran ainmeil a rinn Dòmhnall Ruadh Phàislig air a’ chùis, fòcas air dithis a bha gu mòr an sàs anns an iomairt gus Clach Sgàin a thilleadh a dh’Alba, Ian Hamilton (Fearghas Rothach) agus Cè NicMhathain (Claire Frances NicNìll), a bha na bana-Ghàidheal agus na tidsear bun-sgoile à Inbhir Àsdail, taobh Loch Iù. Bha an dithis aca a’ faireachdainn gu math làidir mu neo-eisimeileachd na h-Alba agus iad a’ faireachdainn gun cuireadh an iomairt seo teachdaireachd làidir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Cha deach gin den cheathrar a bha an sàs anns a’ chùis a pheanasachadh riamh airson na rinn iad. Ged a chaidh a’ chlach a thoirt air ais a Lunnainn goirid às dèidh na h-iomairt, chaidh a thilleadh mu dheireadh thall ann an 1996 agus, bhon Mhàrt 2024, tha e air a bhith ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh ùr Pheairt.
Goireasan-sgoile
- Cà’ Deach a’ Chlach? Abairtean & Faclan
- Cà’ Deach a’ Chlach? Na h-Òrain
- Cà’ Deach a’ Chlach? Anns a’ Chathair Theth & Cunntasan Caractair
- Cà’ Deach a’ Chlach? Clàr EFI (KWL)
Meanbh-chuileag 2023/24: Rùn-dìomhair nan Eilean Flannach

As t-fhoghar 2023, chaidh dithis chleasaichean – Artair Donald (OMC!, Outlander, Plòigh) agus Raonaid Cheanadach (Eilbheas, An Clò Mòr) – air chuairt a’ lìbhrigeadh 37 taisbeanaidhean dràma cuide ri bùithtean-obrach air feadh na dùthcha a’ cnuasachadh air rùn-dìomhair a th’ air mairsinn fad còrr is ceud bliadhna.
Mhair a’ chuairt ceithir seachdainean is i ag amas air sgoilearan aig ceann shuas na bun-sgoile le sgeulachd call luchd-glèidhidh an taighe-sholais anns na h-Eileanan Flannach aig toiseach an 20mh linn.
Goireasan-sgoile
- Rùn-dìomhair nan Eilean Flannach | An Sgriobt
- Rùn-dìomhair nan Eilean Flannach | Abairtean & Faclan
- Rùn-dìomhair nan Eilean Flannach | Cunntas air na Caractaran
- Rùn-dìomhair nan Eilean Flannach | Dealbh den Luchd-glèidhidh
Meanbh-chuileag 2022/23: Sgeulachdan an Tilley

Aig toiseach na Sultain, ann an co-bhanntachd ri Blas, fhuair òigridh le Gàidhlig ann am bun-sgoiltean air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd tlachd às an dealbh-chluich ùr Sgeulachdan an Tilley, a chaidh a riochdachadh tron t-seirbheis tèatar-oideachaidh Meanbh-chuileag aig Fèisean nan Gàidheal. B’ e seo a’ chiad chothrom aig a’ bhuidheann turas a dhèanamh le dealbh-chluich airson corr is dà bhliadhna gu leth ri linn bacaidhean a’ ghalair mhòr-sgaoilte. Mhair an turas deich latha uile gu lèir eadar 29 Lùnastal agus 9 Sultain le taisbeanaidhean aig 16 bun-sgoiltean Gàidhlig air feadh na sgìre.
Chaidh an dealbh-chluich, a tha a’ foillseachadh sgeulachdan ’s beul-aithris na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, a sgrìobhadh agus a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal agus chaidh a mhaoineachadh le Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig. Nochd Aonghas san dealbh-chluich mar chleasaiche cuide ri Fearghas Rothach, Evie Waddell agus Raonaid Cheanadach. Tha ceòl traidiseanta agus seinn sa Ghàidhlig ann cuideachd le Fearghas air an fhìdeig agus Evie a’ cluich na fìdhle. Dh’fhalbh na cleasaichean air chuairt a-rithist ann am meadhan na dùthcha, Earra-Ghàidheal agus na h-Eileanan Siar anns a’ Ghearran agus anns a’ Mhàrt 2023.
Thuirt Shona NicIllinein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig:
“Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chur ris a’ phròiseact seo agus e a togail air amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus Gàidhlig àbhaisteachadh. Bidh an drama seo a’ toirt togail do dh’iomadh neach às dèidh a’ ghlasadh sluaigh. Tha sinn an dòchas gun tèid gu math leotha agus ‘s cinnteach gun còrd an dealbh-cluiche riutha uile.”
Goireasan-sgoile
- Sgeulachdan an Tilley | An Sgriobt
- Sgeulachdan an Tilley | Faclan agus Abairtean
- Sgeulachdan an Tilley | Na Cleasaichean
- Sgeulachdan an Tilley | Na h-Òrain
- Sgeulachdan an Tilley | Na Sgeulachdan
Meanbh-chuileag 2021/22: Mo Bheannachd Ort!

‘S e film ùr a th’ ann am Mo Bheannachd Ort! mu bheatha Naomh Chaluim Chille is tha freagarrach do sgoilearan ann an ceann shuas na bun-sgoile agus sgoilearan àrd-sgoile.
Tha am film stèidhte air prògram còmhraidh telebhisean ach tha na h-aoighean a nochas ann uile bhon t-siathamh linn. Tha ceithir cleasaichean san fhilm, ’s iad Iain MacRath, Raonaid Cheannadach, Tormod MacLeòid agus Fearghas Rothach. Chaidh an fhilm a’ sgrìobhadh agus a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal.
Às dèidh don fhilm fhaicinn fhuair sgoiltean cothrom pàirt a ghabhail ann am bùth-obrach steidhte air a’ chuspair.
Tha tionndadh den fhilm ann le fo-thiotalan Beurla na chois agus chaidh sin a thabhann do bhun-sgoiltean a tha ag ionnsachadh Gàidhlig mar chànan a bharrachd.
Tha ceanglaichean gu goireasan-sgoile co-cheangailte ris an fhilm agus goireasan-sgoile Twinkl mu Chalum Chille rim faicinn gu h-ìosal.
Goireasan-sgoile
- MBO! – Faclan & Abairtean
- MBO! – Anns a’ chathair theth!
- MBO! – Cò Mi?
- MBO! – Cunntas air Caractaran
- MBO! – Cairtean-maidsidh (Briathrachas)
- MBO! – Rann Chaluim Chille & Gemman
Goireasan-sgoile Twinkl co-cheangailte ri Calum Cille
- Naomh Calum Cille (Beurla)
- Naomh Calum Cille – Bratach Fada
- Loidhne Tìde Chaluim Chille – Postairean taisbeanaidh
- Naomh Calum Cille – Ceisteachan Eadar-ghnìomhach
- Naomh Calum Cille agus Uilebheist Loch Nis
- Naomh Calum Cille agus Uilebheist Loch Nis – Gnìomh-sgrìobhaidh
- St. Colm Cille Crossword Worksheet (Beurla)
- Naoimh Ghàidhealach – Duilleagan Cur-dath
Meanbh-chuileag 2020: Eliza
Air sgàth na bacaidhean a dh’adhbharaich Covid-19 ann an 2020 cha robh e ceadaichte turas a dhèanamh le dealbh-chluich ann an 2020/21. An àite dealbh-chluich chaidh film goirid a riochdachadh a chaidh a thaisbeanadh aig bun-sgoiltean feadh na dùthcha rè na Samhna 2020.
Tha an dràma ùr seo, Eliza, ag innse mu nighean òg à Guidheàna a chaidh a thoirt às an dùthaich aice fhèin le a h-athair, aig an robh planntaichean, airson a dhol a dh’fhuireach air an Eilean Dubh ann an 1816.
Goireasan
Duilleagan caractaran
- Eliza Junor | Tawana Maramba
- Ùisdean Junor | Ronan MacColla
- An t-Urr. Gilleasbuig MacIlleDhuinn | Luke MacLeòid
- Raibeart Knox | Finlay MacGillFhinnein
Luchdachadh sìos eile
Dealbhan-cluiche 2016-2020
- Meanbh-chuileag 2019/20: An Rabhadh
Rabhadh mu Atharrachadh na Gnàth-shìde an cois Dealbh-chluich Ùr - Meanbh-chuileag 2018/19: Nam Brògan-sa
Dealbh-chluich mu Bhurraidheachd-saidhbear air Turas Nàiseanta - Meanbh-chuileag 2017/18: Teàrlach Fo Chasaid
Am Prionnsa Bòidheach Fo Chasaid - Meanbh-chuileag 2016/17: Le Meas
Dealbh-chluich do Bhun-sgoiltean a chuireas Siria fon Phrosbaig


