#cleachdiaigantaigh le Fèisean nan Gaidheal

Fàilte gu goireas #cleachdiaigantaigh Fèisean nan Gàidheal. Gu h-ìosal tha liosta de na gnìomhan agus na tachartasan as urrainn dhut pàirt a ghabhail agus a chleachdadh, còmhla ris na buidhnean aoise a tha iad a’ moladh. Cliog air na ceanglaichean gus an susbaint fhaicinn agus cuir a-steach airson na tachartasan againn.

Tha sinn an-còmhnaidh a’ cur susbaint agus tachartasan ùra ri #cleachdiaigantaigh mar sin dèan cinnteach gun cum thu sùil air na tha dol againn!

 

 

Tràth-Bhliadhnaichean Aois 3-8


Hùb Hàb 2022: Ri Fuine is Fealla-dhà


Hùb Hàb 2021: Cuairt Bheag

Òrain Hùb Hàb

Òrain ùra freagarrach do chlann òga bho stòras Fèisgoil.

Sgoilearan Bun-sgoile


Blasad!

Òrain agus geamaichean freagarrach do chlann le Gàidhlig.

Fèis Air Loidhne

Clasaichean ciùil saor sa Ghàidhlig. *Tha na clasaichean seo làn an-dràsta ach bidh tuilleadh cothroman a’ nochdadh a dh’aithghearr 

Deugairean agus Daoine Òga


Cafe Bheairteis

Cothrom a bhith bruidhinn ri daoine òga eile le Gàidhlig air feadh an t-saoghail.


Fèis nan Deugairean Air Loidhne

Bidh cothroman do dheugairean a’ nochdadh a dh’aithghearr.

A h-uile Duine


Tac an Teine Air Loidhne

Seisean seinn air-loidhne sa Ghàidhlig.

Oide

Tha an t-seirbheis ùr ionnsachaidh againn, Oide, air loidhne!

Tachartasan a dh’fhalbh


Seo liosta de thachartasan a tha air crìochnachadh mar-thà. Cùm sùil a-mach oir is dòcha gum bi iad air ais san àm ri teachd.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer