’S e cothrom còmhraidh a th’ ann an Café Bheairteis air a stiùireadh le buidheann-òigridh don co-aoisean ged a bhios aoigh aig daoine de gach aois anns an clàraidhean. ’S e cothrom a th’ annta misneachd a thogail ann an cleachdadh na Gàidhlig ann an àrainneachd càirdeil, neo-fhoirmeil.
Tha 18 pod-chraolaidhean san t-sreath, le aoighean a leithid Kim Carnie, Màiri Anna NicUalraig agus Seonaidh Mac an t-Saoir, ri chluinntinn air Spotify, Google Podcasts no Apple Podcasts agus tron cheangal seo air an làrach-lìn seo fhèin.