‘S i fèis a th’ ann am Blas a thàinig bho bheachd a chuir Comhairle na Gàidhealtachd air adhart an dèidh dhaibh tadhal air an fhèis Celtic Colours ann am Ceap Breatainn. Tha i air a ruith ann an co-bhonn ri Fèisean nan Gàidheal agus tha sinn gu mòr an eisimeil bhuidhnean ionadail a bhios a’ toirt taic dhuinn le tachartasan a chur air dòigh.
Thèid naidheachdan mu Bhlas 2023 a sgaoileadh a dh’ aithghearr.
Blas 2023: 1-9 Sultain
Mar chom-pàirteachas eadar Fèisean nan Gàidheal agus Comhairle na Gàidhealtachd, le taic bho ghrunn bhuidhnean eile, chaidh fèis Blas a chumail le measgachadh de thachartasan beò agus seiseanan is sruthan air-loidhne.
Thairis air 9 latha lìbhrig sinn prògram air leth de chuirmean, cèilidhean, bùthan-obrach, òraidean agus barrachd a’ comharrachadh ceòl, òrain, cànan agus cultar na Gaidhealtachd.
Tadhailaibh air làrach-lìn na fèise airson prògram na bliadhnasa fhaicinn.