Seinn

Tha e air a bhith na thoileachas dhuinn a bhith ann an co-obrachachadh le Comhairle nan Eilean Siar (CnES) bho 2022 gus seiseanan seinn don òigridh anns na clasaichean air fad aig na sia bun-sgoiltean san sgìre.

Bhon uair sin, tha oidean aig a bheil ceangal làidir ris na h-eileanan air a bhith a’ gabhail cothrom òrain bho na coimhearsnachdan aca fhèin a theagasg cho fad ’s as urrainnear. An-dràsta, ’s e Catherine Nic an t-Sionnaigh a bhios a’ lìbhrigeadh Seinn ann am Barraigh agus ’s e Dorothy Nic a’ Phiocair a bhios ga lìbhrigeadh do dh’Uibhist.

Anns a’ bhliadhna-sgoile 2024-25, chaidh aoighean sònraichte Seonaidh Mac an t-Saoir agus Linda NicLeòid a thadhal air na sgoiltean airson cèilidh agus ceistean a fhreagairt mun t-slighe acasan chun na Gàidhlig agus ri seinn.

Tha na h-òrain air fad a chaidh a theagasg gu ruige seo ri fhaotainn air làmh dheas na duilleige.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich, aig eilidh@feisean.scot.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer