Gheibhear fiosrachadh mu Sgeama Tabhartasan nam Fèisean, Sgeama Leasachaidh nam Fèisean agus cothroman maoineachaidh bho bhuidhnean eile ar an duilleag seo. Gheibhear cuideachd fiosrachadh mun dìon-àrachais a bhios Fèisean nan Gàidheal a’ cur air dòigh airson nam Fèisean uile.
Sgeama Tabhartasan nam Fèisean 2020-21
Tha Sgeama Tabhartasan Fèisean nan Gàidheal a-nis fosgailte do dh’iarrtasan. Tha buill na buidhne a’ faighinn cuireadh gus iarrtas a chur a-staigh airson taic-airgid le tachartasan iomchaidh eadar an Giblean 2020 agus am Màrt 2021. Feumar iarrtasan a bhith a-staigh ro 5f, Dihaoine 7 Gearran 2020.
Am-bliadhna tha Sgeama Tabhartasan Fèisean nan Gàidheal air-loidhne.
Gheibhear stiùireadh agus fiosrachadh airson an sgeama air taobh deas na duilleig seo. Bidh e feumail seo a leughadh an toiseach.
Tha foirm-iarrtais ri fhaighinn air-loidhne an seo
Tha pasgan-taice nam fèisean a tha làn de stuthan agus fiosrachadh feumail ri lorg an seo
Sgeama Leasachaidh nam Fèisean 2020
Gheibhear stiùireadh agus foirm-iarrtais airson Sgeama Leasachaidh nam Fèisean air taobh deas na duilleig seo.
Cothroman Maoineachaidh eile
Gu h-ìseal gheibhear ceangal gu diofar maoin-airgid a tha freagarrach airson obair nam Fèisean, pròiseactan cànain, ciùil is cultarail.
Airgead a’ Chrannuchuir Nàiseanta – Big Lottery
Taic Frèumhan Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig
Àrachas
Tha poileasaidh àrachais aig Fèisean nan Gàidheal a tha a’ toirt dìon-àrachais do na Fèisean uile airson gnothaichean àbhaisteach sam bi iad an sàs – clasaichean, tachartasan, uidheamachd ICT agus ionnsramaidean ciùil. Gheibhear fiosrachadh mun phoileasaidh an seo.
Bu chòir do na Fèisean a bhith mothachail air na tha air a dhìon tron phoileasaidh agus a dhèanamh cinnteach gu bheil àrachas a bharrachd aca ma tha iad gu bhith an sàs ann an gnothach sam bith nach eil a’ tighinn fon phoileasaidh.