Cruinneachadh Bliadhnail nam Fèisean 2026

25/26 Sultain / September 2026 – Obar Dheathain

Theid Coinneamh Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal a chumail aig 6.30f Dihaoine 25 Sultain 2026. Bidh dìnnear ann as dèidh làimh agus bidh Cruinneachadh na buidhne a’ tachairt Disathairne 26 Sultain san aon àite.

Bidh am prògram ri fhaighinn sa bhàr-taobh ann an ùine ghoirid. Bidh ceòl ann bho òigridh nam Fèisean mar is àbhaist. Bhi sinn a’ cur ri chèile seisean beag seinn, Tac an Teine, còmhla ris na Fèisean feasgar Dihaoine. Mar is àbhaist bha ùine gu leòr ann airson còmhraidhean neo-fhoirmeil cuideachd ach leigibh fios ma tha cuspair sònraichte agaibh ris an gabhadh dèiligeadh am bliadhna.

Coinneamh Bhliadhnail agus Cruinneachadh nam Fèisean 2025

Coinneamh Bhliadhnail agus Cruinneachadh nam Fèisean 2024

Coinneamh Bhliadhnail agus Co-labhairt 2023

Chaidh Coinneamh Bhliadhnail na buidhne a chumail Dihaoine 29 Sultain ann an Taigh-òsta Muthu Newton, lnbhir Narann.

Chuala sinn bho Jenny Gilruth BPA, Runaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean a bha air aoigheachd agus bha dinneir agus cèilidh ann le ceòl bho Fhèisean na Sgìre – Fèis Inbhir Narainn, Fèis a’ Bhaile agus Fèis na h-Òige – cho math ris a’ chòmhlan aig Raibeart Nairn.

Chaidh Co-labhairt na buidhne a chumail Disathairne 30 Sultain. Ghabhadh prògram na Co-labhairt a luchdadh a-nuas air taobh deas na duilleige cuide ri taisbeanaidhean bho dhaoine a bha os cionn sheiseanan. Gheibhear, cuideachd, stiùireadh a chaidh a dheasachadh bhon uair sin mu chleachdadh gualain a lùghdachadh agus geàrr-chunntas de na puingean a chaidh a thogail anns na buidhnean-còmhraidh.

Bhideothan mu Atharrachadh na Gnàth-shìde

Gnìomh na Gnàth-shìde: A’ Ghàidhealtachd ’s nan Eilean

Buaidh na Gnàith-shìde: Eileanan Uibhist, Alba

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer