
Tha Fèisgoil air leth toilichte a bhith ann an co-obrachadh le e-Sgoil airson seiseanan didseatach dràma do sgoilearan FtMG C3-S3 air feadh na dùthcha a bheòthachadh.
Tha na seiseanan air an roinn ann trì blocaichean agus iad air an lìbhrigeadh le cleasaiche agus preasantair Leòdhasach, Rachel Kennedy. Anns gach bloc bidh Rachel a’ toirt sùil air aon sgeulachd. Is ann bho ghoireas ùr, iongantach do na sgoiltean a tha na sgeulachdan a’ tighinn, 5 sgeulachdan goirid air iomadh cuspair air an sgrìobhadh gu sònraichte don phròiseact seo le Iain F. MacLeòid a bhios a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. Tha làrach-lìn ùr Ruairidh MhicIllEathain, gaisgeach.com, cuideachd na brosnachadh do na seiseanan. Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot.