Bidh Seonaidh Lucas agus Dreag na Hòro-gheallaidh a’ toirt òrain Nollaig, plòigh leis an luchd-èisteachd agus co-fharpais dannsaidh neo-shaoghalta do sgoilearan Gàidhlig air feadh na dùthcha.
Tha Fèisgoil, seirbheis foghlaim foirmeil Fèisean nan Gàidheal, air dèanamh às leis a’ Phanto Ghàidhlig aice agus Seonaidh Lucas agus Dreag na Hòro-gheallaidh air chuairt fad ceala-deug bhon 23mh den t-Samhain, a’ taisbeanadh ri 22 sgoil agus barrachd na 1000 sgoilear ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air an t-slighe.
Tha Seonaidh Lucas air cothrom fhaighinn greis-gnìomhachais a dhèanamh aig Ionad Fànais ùr Chataibh nuair a gheibh e a-mach gu bheil dreag a’ dèanamh air Talamh agus nach urrainn do dhuine ach e fhèin stad a chur oirre. Le cuideachadh bho ròbot-taice air a bheil AonghasIna, agus le bhith a’ seasamh an aghaidh Fearchar Clis, an dannsair a bu bhragaile sa chruinne-cè, feumaidh Seonaidh misneachd a lorg na chomasan fhèin gus muinntir na Talmhainn a shàbhaladh.
Sgrìobhte le Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal, Aonghas MacLeòid, agus air a stiùireadh le Fearghas Rothach, tha am panto seo a’ gealltainn òrain Nollaig, fealla-dhà leis an luchd-èisteachd agus co-fharpais dannsaidh eu-coltach ri rud sam bith air thalamh anns an dealbh-chluich seo, freagarrach don a h-uile duine aois 1 gu 100!
Bidh rionnagan a’ Phanto am-bliadhna aithnichte dhaibhsan a tha air dealbhan-cluiche Fèisean nan Gàidheal a fhrithealadh thar nam beagan bhliadhnaichean mu dheireadh. Is iad seinneadair Grace Morton, Sinead Swann (Limonead) agus Aonghas MacLeòid fhèin a bhios an sàs. Tha am fuaighealadair tàlantach Maria Cuthbert air a bhith trang a’ toirt na caractaran Gàidheal-agtaigeach seo beò le èideadh air a chur air dòigh gu sònraichte airson an taisbeanaidh.
A thuilleadh air turas tro na sgoiltean, bidh taisbeanadh poblach ri fhaicinn air Diardaoin an 3mh den Dùbhlachd aig Cultarlann Inbhir Nis, a’ toirt cothrom do theaghlaichean agus don choimhearsnachd pàirt a ghabhail ann am fealla-dhà na fèise. Fosglaidh dorsan aig 6.15f agus bidh seinn laoidhean Nollaig ann bho 6.30f mus tòisich am panto fhèin aig 7f. Tha fàilte air tabhartasan do dh’Fhèisean nan Gàidheal air an doras gus taic a chur ris an riochdachadh.
Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal:
“Tha panto FnG a’ toirt aoibhneas coimhearsnachd do sgoiltean air feadh na dùthcha, agus gach bliadhna tha sinn taingeil airson an taic a gheibh sinn chan ann a-mhàin bho na buidhnean a tha gar maoineachadh, Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig nam measg, ach cuideachd bho sgoiltean air feadh na dùthcha a tha a’ fosgladh an dorsan dhan fhèilleachd. Tha an sgioba chleasaichean tàlantach ag obair gun sgur sgriobt Aonghais MhicLeòid a thoirt beò, agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri fàilte bhlàth a chur air coimhearsnachd Inbhir Nis aig an taisbeanadh phoblach aig a’ Chultarlann.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Phanto Gàidhlig agus ar n-obair dràma sna sgoiltean san fharsaingeachd, cuiribh fios air Oifigear Dràma, Aonghas MacLeòid air angus@feisean.scot.



