Deireadh-seachdain de shlàinte, sunnd is fois

’S e pròiseact-còmhnaidh ùr a th’ ann am Meòraich, a ghabhas àite aig Ionad Ath-fhiadhachaidh Dhùn Dreagain thairis air deireadh-seachdain fada eadar 13 – 17 Gearran.
Gheibh com-pàirtichean cothrom air deireadh-seachdain socair, le fois, sìth agus slàinte a’ gabhail prìomhachas, le bhith ag ionnsachadh mu iòga agus meòrachadh, agus tro chur-seachadan socair, smaoineachail, cruthachail agus cultarail.
A bharrachd air iòga agus meòrachadh, dh’fhaodadh gun tèid com-pàirtichean an sàs ann am fighe, cuairt-nàdair, ealain, seiseanan òrain Gàidhlig, sgeulachdan tac an teine, sgrìobhadh cruthachail agus an còrr.
Ged nach fheum comas ciùil a bhith aig com-pàirtichean idir, tha sinn toilichte bùitean-obrach òrain a thabhann le seinneadair Gàidhlig fìor mhath.
Thèid brosnachadh a thoirt do chom-pàirtichean fònaichean-làimhe fhàgail le luchd-stiùiridh, a-mhàin gus fios a chur dhachaigh a h-uile latha, leis an dòchas gun cuidich seo iad fois a ghabhail.
Cosgaidh an tachartas £150, le taic ri fhaotainn do theaghlaichean le teachd-a-steach ìosal. Tha seo a’ gabhail a-steach siubhal air an aiseig (ma tha sin a dhìth), fàrdachd, biadh agus a h-uile cur-seachad. Coinnichidh com-pàirtichean ann an Inbhir Nis far an toir bus iad chun ionaid. Chan eil ach 16 àite ri fhaighinn.
Gheibhear foirm-iarrtais an seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Calum Alasdair Friseal – calum.fraser@feisean.scot


