Fèis a’ Ghearrain – Seachdain 1

Ged nach bi Fèisean a’ tachairt san dòigh àbhaisteach aig an àm seo, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.  

Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh.  Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn. 

Bidh Fèis Mhuile, Fèis Ile agus Dhiùra agus Fèis Dhùn Èideann a’ tabhann taghadh de chlasaichean air-loidhne eadar 8-12 an Gearran mun àm is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt.  Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. 

Aon uair ’s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.

‘S ann airson clann eadar 8 suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo ach bidh clasaichean seinn ann airson clann eadar 5 agus 7 bliadhna a dh’aois.

Clasaichean Maidne

10m – 1030m gach latha

Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Beurla)

Bogsa – Eadar-mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Gàidhlig)

Seinn – Aoisean 5 – 7 (Tro mheadhan na Gàidhlig)

Fìdeag – Eadar-mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Gàidhlig)

Clàrsach – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Gàidhlig)

11m – 1130m gach latha

Fidheall – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)

Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Gàidhlig)

Seinn – Aoisean 8+ (Tro mheadhan na Gàidhlig)

Fìdeag – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Gàidhlig)

Clàrsach – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Gàidhlig)


Clasaichean Feasgair

2f – 230f gach latha

Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Gàidhlig)

Bogsa – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)

Seinn – Aoisean 5 – 7 (Tro mheadhan na Beurla)

Fìdeag – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)

Clàrsach – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Beurla)

3f – 330 gach latha

Fidheall – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Gàidhlig)

Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Beurla)

Seinn – Aoisean 8+ (Tro mheadhan na Beurla)

Fìdeag – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Beurla)

Clàrsach – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)

4f – 445f gach latha

Puirt airson sgoilearan na h-àrd-sgoile – Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)

Tadhal air eventbrite airson clàradh agus barrachd fiosrachaidh.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer