Ged nach bi Fèisean a’ tachairt san dòigh àbhaisteach aig an àm seo, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.
Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh. Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn.
Bidh Fèis Mhuile, Fèis Ile agus Dhiùra agus Fèis Dhùn Èideann a’ tabhann taghadh de chlasaichean air-loidhne eadar 8-12 an Gearran mun àm is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal.
Aon uair ’s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.
‘S ann airson clann eadar 8 suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo ach bidh clasaichean seinn ann airson clann eadar 5 agus 7 bliadhna a dh’aois.
Clasaichean Maidne
10m – 1030m gach latha
Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Beurla)
Bogsa – Eadar-mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Gàidhlig)
Seinn – Aoisean 5 – 7 (Tro mheadhan na Gàidhlig)
Fìdeag – Eadar-mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Gàidhlig)
Clàrsach – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Gàidhlig)
11m – 1130m gach latha
Fidheall – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)
Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Gàidhlig)
Seinn – Aoisean 8+ (Tro mheadhan na Gàidhlig)
Fìdeag – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Gàidhlig)
Clàrsach – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Gàidhlig)
Clasaichean Feasgair
2f – 230f gach latha
Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Gàidhlig)
Bogsa – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)
Seinn – Aoisean 5 – 7 (Tro mheadhan na Beurla)
Fìdeag – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)
Clàrsach – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Beurla)
3f – 330 gach latha
Fidheall – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Gàidhlig)
Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Beurla)
Seinn – Aoisean 8+ (Tro mheadhan na Beurla)
Fìdeag – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (Tro mheadhan na Beurla)
Clàrsach – Eadar mheadhanach/Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)
4f – 445f gach latha
Puirt airson sgoilearan na h-àrd-sgoile – Adhartach (Tro mheadhan na Beurla)
Tadhal air eventbrite airson clàradh agus barrachd fiosrachaidh.