Tuesday 16th June 2015
Tha àiteanan cuibhrichte fhathast rim faighinn aig Sgoil Shamhraidh Dhràma na bliadhna sa. Dèan cinnteach nach caill thu an cothrom ‘s cuir a-steach airson àite sa bhad.
Briogaibh air a’ cheangal a leanas gus foirm-iarrtais air-loidhne na Sgoile a lìonadh: SSD15
Fosgailte do dheugairean le Gàidhlig eadar 14 agus 18 bliadhna a dh’aois, tha an Sgoil Shamhraidh Dhràma aig Fèisean nan Gàidheal a’ toirt cothrom air leth do dheugairean le Gàidhlig a tha ag iarraidh sgilean a leasachadh gus cleasachd a dhèanamh air an àrd-ùrlair agus air beulaibh a’ chamara. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil Shamhraidh.
‘S e tachartas-còmhnaidh a th’ann a thèid a chumail ann am Port Rìgh aig toiseach làithean-saora an t-samhraidh eadar Diluain 6 Iuchar agus Dihaoine 17 Iuchar 2015. Anns an ùine sin gheibh compàirtichean oideachadh ann an roghainn farsaing de sgilean dràma le torr spòrs ‘s fealla-dhà na chois.
Tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gu bheil Daibhidh Walker a’ dol a thilleadh mar stiùiriche ealain na Sgoile. Tha Daibhidh ri fhaicinn gu tric a’ cleasachd air an àrd-ùrlair ann an dealbhan-cluiche leithid ‘Sequamur’ a bh’aig Pròiseact nan Ealan am bliadhna agus ann am ‘Bannan’ air BBC Alba. Còmhla ris san sgioba luchd-teagaisg bidh Ruairidh MacNeacail a tha na obraiche dràma Gàidhlig aig Eden Court Cruthachail ann an Inbhir Nis.
Thèid na sgilean aig na compàirtichean a thaisbeanadh air an oidhche mu dheireadh le dealbh-chluich a bhios fosgailte don mhòr-shluaigh a thèid a chumail aig Àros air Diardaoin 16 Iuchar.
A bharrachd air an dealbh-chluich, gheibh compàirtichean cothrom fiolm ghoirid a dhèanamh airson FilmG, farpais nam fiolmaichean goirid aig MG ALBA. Anns a cho-fharpais a bh’aig FilmG an uiridh, shoiribhich leis an Sgoil Shamhraidh Dhràma leis an fhiolm a bh’aca ‘Gaol an t-Samhraidh’ a chaidh ainmeachadh anns na geàrr-liostaichean airson fiolm a b’ fheàrr agus riochdachadh a b’ fheàrr ann an roinn na h-òigridh agus fhuair Willow Iannetta a bha na compàirtiche san Sgoil moladh airson cleasachd anns an fhiolm.
Tha Fèisean nan Gàidheal gu math toilichte an tachartas còmhnaidh seo a thabhann aig £150, prìs gu math reusanta a tha toirt a-steach àite-còmhnaidh agus biadh a bharrachd air an oideachadh ‘s cur-seachadan eile a tha an cois clàr-ama na sgoile. Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr airson gum faigheadh òigridh cothrom pàirt a ghabhail agus ma tha cosgais na thrioblaid, chuireamaid fàilte air pàrant no neach-àire còmhradh a dhèanamh le Aonghas MacLèoid a tha na Oifigear Dràma aig Fèisean nan Gàidheal airson cùisean obrachadh a-mach.
Gheibhear foirm-tagraidh air-loidhne airson SSD15 agus tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/ssd no bho Aonghas MacLeòid air angus@feisean.org no 01463 225 559.
Tha an Sgoil Shamhraidh maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail.