Tha Fèis an Iar Thuath toilichte fhoillseachadh gu bheil iad fosgailte do dh’ iarrtasan airson na prìomh fhèis aca ann an Sgobhairigh.
Thairis air Diuain 15mh agus Dimàirt 16mh den Ghearran 2016 bidh an fhèis a’ tairgse bhùthan-obrach do dh’òigridh eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois anns na cuspairean a leanas: fidheall, bogsa-ciùil, giotàr, feadan is a’ phìob, fìdeag, dràma agus drumaireachd. A bharrachd air seo gabhaidh a’ chlann pàirt ann an seiseanan obair-còmhlain agus geamannan Gàidhlig gach latha.
A-measg an luchd-oide bidh Lindsay Cherry, Addie Harper, Irene Fraser, Joseph Peach agus Sarah Walker. Thig an sàr-sgioba seo còmhla oidhche Luain airson cèilidh na fèise, a bhios a’ dol ann an Talla-baile Sgobhairigh bho 7f.
A thuilleadh air na prìomh bhùthan-obrach bidh Fèis Bheag a’ tabhann cothroim dhan fheadhainn bheaga pàirt a ghabhail anns an spòrs tro sheiseanan ealain, seinn is geamannan. Tha na seiseanan seo fosgailte do chloinn eadar 4 is 7 bliadhna a dh’ aois agus ’s i Lisa NicDhòmhnaill neach-teagaisg nan seiseanan seo.
Tha a’ phrìomh fhèis a’ cosg £14 airson dà latha a theagasg le greim-bìdh na maidne na chois gach latha. Gheibhear fiosrachadh slàn agus foirm-clàraidh an seo.
Tha an Fhèis Bheag a’ cosg £5 gach latha is fiosrachadh mun tachartas ri fhaotainn an seo.
Ma thathar airson barrachd fhaighinn a-mach mu ghin de na tachartasan seo cuiribh fios gu rùnaire Fèis an Iar Thuath Sheilah Cunningham air 01971 502 072 / sheilahcunningham@btinternet.com.