A’ leantainn air iarrtas soirbheachail do Mhaoin Cultair, Tachartasan is Dualchais, sgeama maoineachaidh a bhuineas dhan bhuidhinn Paisley 2021 for UK City of Culture, tha Fèis Phàislig air leth toilichte prògram ùr de chlasaichean ciùil a stèidheachadh ann an Siorrachd Rinn Friù a chruthaicheas cothroman ùra do luchd-ciùil òga na sgìre.
Bhon Lùnasdal 2016 bidh an fhèis a’ tairgse bhùthan-obrach gach Disathairne tro theirm na sgoile ann am bogsa-ciùil, fidheall, giotàr, seinn agus obair-còmhlain. ’S ann air òigridh eadar 8 is 18 bliadhna a dh’aois a bhios na clasaichean ag amas is iad a’ freagairt air a h-uile comas cluiche bho thoiseach tòiseachaidh gu ìre adhartach.
Thuirt cathraiche na fèise Grant Mac a’ Phàrlain:
“Tha sinn air ar dòigh cothrom ùr a thairgse do dh’òigridh na sgìre gus an cuid sgilean ciùil a leasachadh bho sheachdain gu seachdain fo stiùir sàr sgioba de luchd-teagaisg. Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ gabhail pàirt anns an iomairt gus inbhe Baile Culturach na Rìoghachd Aonaichte a choisinn dha Pàislig is tha sinn air corra-biod buileach na clasaichean a thòiseachadh.”
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air na clasaichean bho Grant air info@feisphaislig.com no air loidhne aig www.feisphaislig.com.