Às dèidh sia seachdainean air an rathad thig an tùras nàiseanta de Le Meas, dealbh-chluich Ghàidhlig a tha ag amas air clann ann an ceann shuas na bun-sgoile, gu crìoch t-seachdainsa ann an Eilean Leòdhais le taisbeanaidhean aig seachd bun-sgoiltean san eilean.
Tha an dealbh-chliuch, a bh’air a riochdachadh tro Meanbh-chuileag, pròiseact tèater oideachaidh Fhèisean nan Gàidheal, ag innse sgeulachd mun chàirdeas air-loidhne eadar dithis dheugaire, nighean Albannach, Eilidh (Catriona NicNeacail) agus Maram, nighean à Siria (Beth Frieden). Rè na dealbh-chluiche tha am buaidh a th’aig a’ chogaidh shìobhailte air Maram a’ tighinn am follais agus thèid mì-thuigse Eilidh mu beatha ann an Siria a cheasnachadh. Tro chòmhraidhean Eilidh leis an luchd-amhairc, lorgar dòighean anns an gabhadh cobhair a thoirt don fheadhainn a tha fo bhuaidh an cruadal ann an Siria.
Tha Le Meas stèidhte air dealbh-chluich a sgrìobh Mairi Kidd agus chaidh turas nàiseanta a dhèanamh leatha tro phròiseact Meanbh-chuileag ann an 2007. B’ ann mun cogadh ann an Afganistan a bha an dealbh-chluich thùsail; am bliadhna chaidh ath-mhìneachadh den dealbh-chluich a sgrìobhadh gus a suidheachadh ann an co-theacsa an cogadh ann an Siria. Chaidh an dealbh-chluich a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal.
Tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson a’ mhaoineachaidh a thathar a’ faighinn bhuapa gus pròiseactan theàtar oidichidh den leithid seo a’ leasachadh ‘s a lìbhreagadh do bhuidhnean bun-sgoile.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Le Meas, mun turas, ‘s na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559 no angus@feisean.org