Air Dihaoine 9 Dùbhlachd chrìochnaich an turas nàiseanta den dealbh-chluich Nollaig Hansel & Gretel agus Fèill Mhòr na Fuine le taisbeanadh ann an Inbhir Pheofharain agus Baile Dhubhthaich. Rè an turais, a mhair 10 latha, fhuair corr is 2000 duine chloinne le Gàidhlig bho 45 sgoil cothrom an dealbh-chluich Nollaig fhaicinn agus chaidh taisbeanadh poblach a chumail aig an Ironworks ann an Inbhir Nis air Diardaon 8 Dùbhlachd. Am bliadhna fhuair sgoiltean Gàidhlig ann an Leòdhas ‘s na Hearadh cothrom ga faicinn le trì taisbeanaidhean aig Talla Bhaile Steòrnabhaigh air Diluain 5 Dùbhlachd agus taisbeanadh anns na Hearadh, aig Sgoil Sir E. Scott air madainn Dimàirt 6 Dùbhlachd.
Chaidh an dealbh-chluich a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal, dealbhaich Shanon White na propaichean agus dreach na stèidse agus dhealbhaich Laura Cowie na culaidhean. Bha ceithrear a’ cleasachd san dealbh-chluich, ‘s iad Calum Dòmhnallach, MJ Deans, Debbie NicAoidh agus Iain Beggs.
Chaidh an dealbh-chluich Nollaig air a’ lìbhreagadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal a tha gu mòr an comain Bhòrd na Gàidhlig airson maoineachais a fhuaras gus an dealbh-chluich a riochdachadh agus an turas a lìbhreagadh. Airson tuilleadh fiosrachaidh mun turas cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich no Aonghas MacLeòid air 01463 225559.
Dealbhan bho thaisbeanadh a chaidh a chumail aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air Dihaoine 2 Dùbhlachd