Òigridh a’ togail eòlais bho shàr sgioba

Bidh 7 òganach bho na Fèisean a’ togail eòlais bho thrì oidean fìor chomasach, a tha air a bhith aig cridhe cruinneachadh agus rannsachadh bheul-aithris na h-Alba, ann an iomairt fo bhratach Fèisean nan Gàidheal. 

Bidh Aonghas Iain MacDhòmhaill, Maighread Stiùbhart agus Màiri NicPhaidein ag obair cuide ri compàirtichean ùra Fuaran: pròiseact Fèisean nan Gàidheal a tha ag amas air brosnachadh a thoirt don ath-ghinealach de dh’òigridh beul-aithris a thrusadh bhon choimhearsnachd aca fhèin.  Bho chionn trì bliadhnaichean chaidh cruinneachadh de dh’òrain fhoillseachadh a thog seinneadairean òga anns na coimhearsnachdan aca fhèin.

Chruinnich Aonghas Iain sgeulachdan muinntir Uibhist agus na Hearadh anns na 70n agus bha e an sàs ann am foghlam bhon uair sin. Tha Maighread air cliù a choisinn dhi fhèin mar shàr sheinneadair agus neach-rannsachaidh òrain Ghàidhlig agus tha Màiri na stiùiriche don iomairt Local Voices, a’ toirt taic do sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd a tha airson a beul-aithris ionadail a chruinneachadh. 

‘S ann eadar Dihaoine 15 agus Didòmhnaich 17 Gearran a bhios na seiseanan seo ann an Inbhir Nis, do dh’òigridh aois 16-25.  

Thuirt Karen Oakley, Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air sàr sgioba de dh’eòlaichean gus taic a chumail ris an òigridh thairis air deireadh-sheachdain trèanaidh Fuaran. Tha sinn cinnteach gun toir na còmhraidhean a bhios aca misneachd dhaibh a bhith a’ togail òrain, gnàthsan-cainnt, sgeulachdan is eile anns na sgìrean aca fhèin agus nach fhada gus am faigh iad cothrom òrain a chlàradh agus an sgaoileadh do luchd-èisteachd ùr”. 

Tha Fèisean nan Gàidheal an comain Bòrd na Gàidhlig airson an taic-airgid a fhuarar gu sònraichte airson Fuaran, cho math ri Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. 

Tuilleadh fiosrachaidh bho Karen Oakley, 01463 225559 no karen@feisean.org.

Chithear agus cluinnear na seinneadairean a ghabh pàirt ann am Fuaran roimhe tron cheagal seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council