Aithris is Oideas: goireas ùr o phreasa Fèisgoil

Aithris is Oideas: goireas ùr o phreasa Fèisgoil a tha stèidhte air an t-seann leabhar don aon ainm.

Tha Fèisgoil air leth thoilichte goireas ùr air loidhne do chlann òga fhoillseachadh. ‘S e pasgan de dh’òrain traidiseanta is òrain ùra le geamanan spòrsail nan cois a th’ann an Aithris is Oideas, cuid bhon leabhar a nochd ann an 1964 le Comhairle Rannsachadh Foghluim Alba. Gabhaidh na geamannan a chluich a-staigh agus a-muigh.

Lorgar na facail aig gach òran fo na bhideothan an seo here

Tha sinn an dùil an sreath seo a’ leasachadh anns na bliadhnaichean ri thighinn is bu mhath leinn cuireadh a thoirt do na Fèisean is buidhnean sgoile pàirt a ghabhail ann.

Bu mhath leinn taing a thoirt do Fèis na h-Òige is na deugairean an sàs leis an turas seo.

Ma bhios geama le òran agaibh, ma bhios buidheann agaibh airson pairt a ghabhail ann no nam bu toil leibh taic a chumail ris a’ ghoireas seo ann an dòigh sam bith eile leigibh fios do eilidh@feisean.orgno air am fòn01463 225559.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council