Cothrom air cainnt a bheartachadh le Ailig ‘Bhaltos’ Dòmhnallach Tachartas saor an-asgaidh do dh’òigridh aig ìre àrd-sgoile

Tha cothrom gu bhith aig sgoilearan na sgilean Gàidhlig aca a neartachadh air an t-seachdain seo ann an seiseanan an-asgaidh air-loidhne le Ailig ‘Bhaltos’ Dòmhnallach.

Bidh Gnàthasan-Cainnt le Ailig freagarrach do sgoilearan ann an AS1 agus AS2 no nas àirde shuas san sgoil, agus gheibh iad cothrom ciall a dhèanamh, le fealla-dhà na lùib, de dh’abairtean na Gàidhlig a chuireadh ris a’ bheairteas-cainnt aca.

Ged is ann à Bhaltos ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a tha Ailig, tha e an-diugh ag a’ teagasg ann an Oilthigh Obar Dheathain, is bidh e a’ dèanamh eadar-theangachaidhean agus a’ cur a ghuth ri prògraman chloinne air BBC Alba.

‘S e Gnàthasan-Cainnt le Ailig fear de na goireasan air-loidhne a bhios Fèisean nan Gàidheal a’ cur air dòigh mar phàirt den iomairt #cleachdiaigantaigh aig Bòrd na Gàidhlig.  Chaidh seo a stèidheachadh mar oidhirp taic air-loidhne a chumail ri clann-sgoile na Gàidhlig fhad ‘s nach eil an cothrom aig cuid aca an cànan a chleachdadh is iad gan cumail fhèin sàbhailte aig an taigh. Tha obair Fèisean nan Gàidheal cuideachd a’ faighinn taic bho Alba Chruthachail, HIE agus Riaghaltas na h-Alba.

Bidh na seiseanan aig Ailig a’ dol air adhart Diardaoin 4mh Ògmhios agus Dihaoine 5mh Ògmhios aig 5f. Ged a tha na seiseanan an-asgaidh, feumar clàradh ro làimh tro ne ceanglaichean gu h-ìosal.

Diardaoin 4mh Ògmhios

https://www.eventbrite.co.uk/e/107202304980

Dihaoine 5mh Ògmhios

https://www.eventbrite.co.uk/e/107203959930

 

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer