Còrr is luach £76,000 as ùr na thaic do shaoghal ealan na h-Alba

17 Sultain 2020, Tha dà mhaoin ealain Albannach, luach còrr is £76,000, a-nis fosgailte agus a’ gabhail ri iarrtasan ann an oidhirp cuideachadh le luchd-ealain is buidhnean cumail orra a’ toirt am pròiseactan cruthachail gu buil, an dèidh do mhòran aca fulang fo dhroch bhuaidh ionmhais Chobhad-19.

Ga riarachadh le buidheann ealan Ghàidhealach, Fèisean nan Gàidheal, as leth Alba Chruthachail, tha dùil aig an airgead taic a chumail ri luchd-ealain air leth agus ri buidhnean leantainn orra a’ toirt am pròiseactan do na coimhearsnachdan aca fhèin agus a bhith na chùl-taic do chomas cruthachaidh luchd-ciùil agus luchd-ealain aig an àm seo.

Chaidh Maoin nan Ealan Gàidhlig a dhealbhachadh gus cuideachadh a thoirt do phròisectean ealan Gàidhlig a chur an gnìomh, an dà chuid le daoine air leth agus le buidhnean. Feadh 2020 agus 2021, tha £45,000 ri fhaighinn, leis a’ chudrom ga chur air pròiseactan a tha: gan dèanamh tro mheadhan na Gàidhlig; a’ cumail obair na h-ealain a’ dol tro ghalar Cobhad-19; bho luchd-ealain air leth airson obair a chruthachadh no feumalachdan leasachaidh pearsanta a choimhlionadh; le compàirteachasan eadar-nàiseanta; a’ leasachadh sgilean gnìomhachais luchd-ealain air leth no buidhnean ealain mar dhòigh air margadh a chruthachadh, an àireamh de luchd-èisteachd a chur am meud no seasmhachd a neartachadh; a’ moladh ghnìomhan ealain air loidhne fhad ‘s a mhaireas galar Cobhad-19.

Thuirt Màiri Kidd. Ceannard Litreachas, Cànainean agus Foillseachadh, Alba Chruthachail: “Aig an àm dhoirbh seo tha luchd-ealain is buidhnean-ealain gu sònraichte cudromach agus tha sinn gu mòr an dòchas gun toir Maoin nan Ealan Gàidhlig cothrom do luchd-ealain is luchd-èisteachd na Gàidhlig cumail orra le bhith a’ cruthachadh agus a’ tighinn còmhla.”

Tha dà cheann-là ann airson iarrtasan Maoin nan Ealan Gàidhlig – Dihaoine 19Damhair 2020 agus Dihaoine 22Faoilleach 2021.

Tha Tasgadh air a dhealbhachadh airson taic a chumail ri luchd-ealain air leth is buidhnean gus obair a chruthachadh, a chluich, a thoirt air chuairt agus a nochdadh. Tha am maoin, sa bheil luach £31,500, fosgailte don fheadhainn aig a bheil eachdraidh cheana ann an dannsa dualchasach Albannach, innse sgeulachdan Albannach no ceòl dualchasach Albannach. Tha suimean eadar £250 agus £1,000 rim faighinn agus am measg nam pròiseactan a fhuair taic roimhe bha leithid chlasaichean seachdaineil ciùil is seiseanan-obrach, bhideothan ciùil, leasachadh is co-obrachadh dannsa, dèanamh ceòl ùr, cuairtean, leasachadh pearsanta is pròiseactan rannsachaidh, greisean gnìomhachais agus fèisean.

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard, Fèisean nan Gàidheal: “Chaidh gu math le maoin Tasgadh ann a bhith a’ cuideachadh phròiseactan ealan dualchasach sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh agus tha Fèisean nan Gàidheal ro thoilichte co-obrachadh le Alba Chruthachail a-rithist le bhith a’ roinn na maraig bhon dà sgeime. Chluich an t-uabhas de luchd-ealain dualchasach pàirt ann an toileachas-inntinn coitcheann an t-sluaigh tro ghlasadh Cobhad-19 agus, aig an àm seo, tha e cudromach gum bi obair aca is gum bi iad a’ cosnadh teachd a-steach. Tha sinn an dòchas gun cuidich am maoin seo le sin.

Bidh dà chothrom maoineachaidh airson Tasgadh ann an 2020-21 leis na cinn-là a leanas airson iarrtasan: 23 Damhair 2020 agus 29 Faoilleach 2021. 

Airson tuilleadh fiosrachaidh air Maoin nan Ealan Gàidhlig is Tasgadh agus fiosrachadh air mar a chuirear mu dheidhinn, feuch gun tadhail sibh air:

Maoin nan Ealan Gàidhlig: https://www.feisean.org/meg/

Tasgadh: https://www.feisean.org/tasgadh-g/

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer