Fèis Blas air loidhne airson 11 làithean de cheòl is de chultar Gàidhealach

Tha an Fhèis Ghàidhealach a’ toirt am follais clàr sgoinneil de dh’òrain is de cheòl Gàidhlig air loidhne.

2020, Thèid ceòl Gàidhealach a chomharrachadh, a dh’aindheoin gach cnap-starradh, air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean san t-Samhain le Fèis Blas a’ dol air adhart air loidhne, le sàr-roghainn de chuid den luchd-ciùil is de na seinneadairean seann nòs as fheàrr ann an Alba.

‘S àbhaist do dh’Fhèis Blas a bhith a’comharrachadh cultar Gàidhealach agus cor beothail ceòl seann nòs Albannach thar 8 no 9 làithean ann an tallachan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean ach gabhaidh e àite air loidhne thar 11 làithean an ath-mhìos, tro chaochladh chonsairtean, cèilidhean, seiseanan-obrach is tachartasan eile air an sruthadh beò no air an clàradh ro-làimh. Thathar an dòchas leis mar a tha fèis na bliadhna-sa air loidhne gun tèid aig daoine air feadh an t-saoghail air cuid den t-sàr-cheòl Ghàidhealach as fheàrr a mhealtainn is a taic a thoirt dha bhon taigh aca fhèin.

Air a chur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal an co-bhoinn ri Comhairle na Gàidhealtachd, gabhaidh Blas àite bho 20-30 Samhain, a’ fosgladh le ullachadh às ùr de cheòl agus a’ crìochnachadh le consairt oidhche Latha Fhèill Anndrais, anns am bi òrain ùr nodha Ghàidhlig a dh’èirich à Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba gan gabhail agus le oidhche dheireannach na Fèise bhon chòmhlan Uibhisteach, Beinn Lee.

Leis mar a dh’fheumar cumail ri riaghailtean teann Cobhad-19, bidh an clàr eugsamhail de thachartasan an-asgaidh is le tiocaidean a’ cumail obair ri luchd-ciùil is luchd-ealain, is cruaidh fheum aca oirre, aig a’ cheart àm a’ tabhann ceòl a bheir togail cridhe dhan mhòr-shluagh. 

‘S e cluiche shònraichte nuadh a dh’fhosglas an fhèis air 20 Samhain, air a chur an eagar le Mìcheal Vass, fear a chluicheas iomadh ionnsramaid is a riochdaicheas ceòl, a’ toirt am follais òigridh bho fhèisean air feadh na h-Alba.  

Mar phàirt de chaidreachas le Fèis nan Tallachan Beaga aig SEALL, bidh feasgar ann an Caisteal Dhùn Bheagain san Eilean Sgitheanach air 27 Samhain le luchd-ciùil leithid Hamish Napier, Su-a Lee, is Lauren NicColla, agus na bean an taighe a’ bhana-sheinneadair a tha na ball de Shian, Eilidh NicCarmaig. Bidh iad a’ cluiche feasgaran eile san Eilean Sgitheanach, an co-bhoinn ri SEALL, ann an Talla na Bràighe (26 Samhain) agus ann an Taigh-òsta Shligeachain (28 Samhain) còmhla ri luchd-ciùil ainmeil eile leithid a’ chraoladair aig Radio Scotland, Gary Innes, agus a’ bhana-sheinneadair is a’ bhana-chlàrsair, Raonaid Newton.

Thig Trail Westis iad a’comharrachadh 10 bliadhna còmhla, còmhla ri Sian le consart ga shruthadh beò bho Chùirt Eden air 29 Samhain.

Am measg nam prìomh thachartasan eile aig Blas na bliadhna-sa, tha coimisean Ingrid NicEanraig airson Nàdar Alba gus Bliadhna nan Cladaichean is nan Uisgeachan 2020 a chomharrachadh, anns an nochd Ingrid fhèin còmhla ri Anna MassieConal MacDonnchadha agus Megan NicEanraig le film, dealbhan beò agus ìomhaighean le Somhairle Dòmhnallach, ga shruthadh beò bho Thalla Mhalaig; comharrachadh co-là-breith na bana-sheinneadair Cairistìona Primrose, is i còmhla ri càirdean leithid na bana-sheinneadair, Maighread Stiùbhart, an seinneadair is fear a’ bhogsa Murchadh ‘Wasp’ Dòmhnallach, agus am pìobaire a bha uair na bhall den Bhattlefield Band, Donnchadh MacGilleBhràth.

A bharrachd air na prìomh-chonsartan is cèilidhean gach feasgar, feadh an latha bidh seiseanan-seinn, seiseanan-obrach ciùil, òraidean air caochladh chuspairean a thaobh cultar na Gàidhlig, dràma agus film. Bidh trì cèilidhean air loidhne a’ gabhail àite, is nam measg, Josie Duncan a choisinn Duais Dual-cheòl na h-Òigridh aig BBC Radio 2, Hamish MacLeòid, Ingrid NicEanraig agus Iain MacPhàrlain.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhaltachd: “Bha fìor dhroch bhuaidh aig galar Cobhad-19 air mòran de na tachartasan bliadhnail againn. Chan eil Fèis Blas na h-aonar, ach tha Comhairle na Gàidhealtachd toilichte a ràdh gun tachair an fhèis, a tha air a cur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd, san t-Samhain ged a bhios i ann an riochd eile. Am-bliadhna ‘s ann air loidhne a bhios i, agus chaidh seo a chur nar comas le tionnsgalachd is smaointean ùra sgioba Fèisean nan Gàidheal a’ cur feum mhòr air teicneolas coimpiutaireachd.”

Lean e air: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd air taic a chumail ri Fèis Blas o chionn còig bliadhn’ deug. Tha mi air mo dhòigh gur urrainn dhuinn cumail oirnn le ar taic don Fhèis am-bliadhna. Tuigidh sinn gur e bliadhna dhoirbh a tha ann dhuinn uile, is luchd-ealain a tha a’ dèanamh beò-shlainte às a’ ghnìomhachas chruthachail am measg na tha sin. Chan ann a-mhàin gum bi tachartasan mar Bhlas a’ toirt dhuinn sàr-cheòl is brod cultar na Gàidhlig, ach cuideachd bidh i a’ cumail cosnaidh air a bheil cruaidh-fheum ri roinn na h-ealain. Tha caochladh thachartasan eadar-dhealaichte ann an clàr Fèis Blas, leithid comharrachadh co-là-breith sònraichte bana-sheinneadair Ghàidhlig a tha ainmeil gu h-eadar-nàiseanta, pìobairean cliùiteach a tha cuideachd aithnichte air feadh an t-saoghail a’ pìobaireachd, ceòl ùr le òranaichean is luchd-ciuil fìor-thàlantach agus mòran òigridh sgileil bho air feadh na Gàidhealtachd a’ nochdadh cuideachd. Bu thoigh leam an cothrom a ghabhail taing a thoirt do dh’Fhèisean nan Gàidheal airson an dìchill ann a bhith a’ cruthachadh clàr cho misneachail tionnsgnach fhad ‘s a tha an galar seo fhathast a’ dol agus, mu dheireadh, ‘s i mo chomhairle dhuibh pàirt a ghabhail ann an Clàr Blas agus na tachartasan aige a mhealtainn.”

Thuirt Art MacCormaig bho Fhèisean nan Gàidheal, a’ bhuidheann a bhios a’cur air dòigh Fèis Blas:  “Bha a’ bhliadhna seo doirbh do luchd-ciùil is do choimhearsnachdan, mar sin tha fiughair mhòr againn ri bhith a’ toirt Fèis Blas air loidhne do dhachaighean dhaoine agus a bhith a’ leudachadh mar a ruigeas daoine an fhèis tro dhoighean digiteach. Tha sinn an comain ar luchd-maoineachaidh, gu h-àraidh Comhairle na Gàidhealtachd, airson taic a chumail ri Blas is tha fiughar againn ri bhith a’ mealtainn 11 làithean de chultar Gàidhealach.”

Leanaidh a h-uile tachartas aig Blas gu dlùth ri stiùradh an riaghaltais aig an àm seo. Gheibhear làn-chlàr de na tachartasan aig www.blas.scot le fiosrachadh air mar a ghabhas tiocaidean a cheannach.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council