Ceann-latha Iarrtasan na Sgoile-Samhraidh Dràma

Thèid Sgoil-Shamhraidh Dràma Fhèisean nan Gàidheal a lìbhrigeadh air loidhne a-rithist am bliadhna gus cothrom a thoirt do dhaoine òga na sgilean cleasachd is sgilean cruthachail aca a leasachadh fhad ‘s a tha iad aig an taigh ri linn buaidh a’ chòrona-bhìorais.

Bidh an Sgoil a’ gabhail àite eadar 5 – 9 den Iuchar 2021 is tha i fosgailte do dh’iarrtasan bho dheugairean a bhruidhneas Gàidhlig le ùidh ann an dràma a bhios eadar 13 agus 17 aig àm na Sgoile.  ‘S e Diciadain 30 den Ògmhios an ceann-latha airson iarrtasan.

Tha sinn gu math toilichte Daibhidh Walker ainmeachadh mar phrìomh oidiche na Sgoile ’s rè na seachdain, le taic bho Aonghas MacLeòid, gheibh compàirtichean oideachadh air leth ann an roghainn fharsaing de sgilean dràma le tòrr spòrs ‘s fealla-dhà na chois. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil.  Lorgar tuilleadh fiosrachaidh agus foirm-iarrtais air loidhne aig www.feisean.org/ssd/

Daibhidh Walker

Ma tha ceistean sam bith agad mun Sgoil cuir fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.scot.

Tha an Sgoil-Shamhraidh Dràma Air Loidhne maoinichte le Alba ChruthachailBòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer