Acadamaidh a’ Mhòid a’ dèanamh air sgoiltean Rinn Friù

Tha Mòd Phàislig 2023 a’ teannadh dlùth agus obair-ullachaidh fo sheòl ann an Siorrachd Rinn Friù. Is e am Mòd Nàiseanta Rìoghail prìomh fhèis nan òran Gàidhlig, a bhios a’ gabhail àite gach bliadhna tro shaor-làithean an Dàmhair. Am-bliadhna, thèid am Mòd a chumail eadar 13 agus 21 An Dàmhair agus tha Fèisean nan Gàidheal air an dòigh glan a bhith ann an co-obrachadh a-rithist leis a’ Chomunn Ghàidhealach (buidheann-stiùiridh a’ Mhòid) agus le Comhairle Siorrachd Rinn Friù gus taic a thoirt do sgoilearan na sgìre ann a bhith a’ deasachadh air a shon.

Bidh Fèisean nan Gàidheal a’ lìbhrigeadh Acadamaidh a’ Mhòid aghaidh ri aghaidh airson a’ chiad turas bho 2019, às dèidh taic a thoirt seachad air-loidhne do Mhòd Inbhir Nis agus Mòd Pheairt. Ro làithean-saora an t-samhraidh, gheibh clasaichean air fad blasad de dh’òrain Ghàidhlig airson am brosnachadh pàirt a ghabhail agus, às dèidh nan làithean-saora, thèid cuideam a chur air sgoilearan a tha air cur a-staigh airson farpaisean agus na pìosan a th’ air an cur romhpa.

Am-bliadhna, thèid còig oidean a thadhal air suas ri 40 clas ann an 16 bun-sgoiltean anns an t-siorrachd, airson 931 sgoilear a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail sa Mhòd.

Thuirt Seumas Greumach, Ceannard a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S e prìomh amas a’ Mhòid Nàiseanta tàlant na h-òigridh a bhrosnachadh agus a leasachadh, ’s iadsan an ginealach as cudromaiche dhan Ghàidhlig san an àm ri teachd. Tha e na thlachd a bhith a’ faicinn Acadamaidh a’ Mhòid ga chur air bhog a-rithist le oideachadh ri fhaotainn do cheudan de sgoilearan air feadh sgìre Rinn Friù; thathas an dòchas gun toir an cothrom seo air sgoilearan a dhol an sàs ann am Mòd na bliadhna-sa. Tha sinn taingeil dha-rìribh do na buidhnean air fad a tha a’ cumail taic ri Mòd Phàislig airson an iomairt seo a chur air dòigh.”

Thuirt Aonghas MacFhearghais, Cathraiche Buidheann Eagrachaidh Ionadail Mòd Phàislig: “Tha e dìreach mìorbhuileach gum faigh cha mhòr mìle sgoilear ann an Siorrachd Rinn Friù blasad den Ghàidhlig aghaidh ri aghaidh tro Acadamaidh a’ Mhòid. Tha e a’ sealltainn cho mòr ’s a tha ùidh aig daoine anns a’ chànan agus sa chultar agus bidh am Buidheann Eagrachaidh Ionadail a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air mòran de na daoine òga seo do Mhòd Phàislig anns an Dàmhair.”

A bharrachd air an luchd-maoineachaidh cunbhalach Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal taingeil do Chomhairle Siorrachd Rinn Friù airson taic a chumail ris an iomairt seo.

“Tha sinn air an dòigh glan fàilte a chur air Acadamaidh a’ Mhòid do na sgoiltean againn. Is e bliadhna air leth a th’ ann an 2023 is sinn ag obair a dh’ionnsaigh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig. Bheir am pròiseact brosnachail seo, ann an co-obrachadh le Fèisean nan Gàidheal, cothrom do ar sgoilearan barrachd ionnsachadh mu chultar agus cheòl na Gàidhlig tro phrògram adhartach,” thuirt Seumas MacCoineagain, Oifigear nan Ealain & Ionnsachaidh do Chomhairle Siorrachd Rinn Friù.

Is e 31 An Cèitean 2023 an ceann-latha airson iarrtasan don Mhòd, agus gheibhear cothrom clàraidh air-loidhne aig https://enter.ancomunn.co.uk

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Acadamaidh a’ Mhòid agus ar n-obair sna sgoiltean, cuiribh fios air Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich air eilidh@feisean.scot

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer