Dàna-thuras Dealrach ro Sgoilearan na Gàidhealtachd is nan Eilean

Air Diluain 24 Samhain, chaidh triùir chleasaichean air an rathad le Panto Gàidhlig Fèisean nan Gàidheal ’s iad air turas fada ceala-deug le Luchlann agus am Bonn Òir, dàna-thuras ùr a tha gu ìre stèidhte air sgeulachd Dick Whittington.

Bidh am Panto a’ tadhal air clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air feadh Chomhairle na Gàidhealtachd, Chomhairle nan Eilean Siar agus Chomairle Bhaile Obar Dheathain gus tlachd, toileachas agus plòigh na Nollaige a thoirt do chòrr is 1,000 sgoilear thairis air an t-Samhain agus an Dùbhlachd.

’S iad Beth Frieden, Grace Morton agus Rachel Kate NicLeòid rionnagan a’ Phanto am-bliadhna is iad a’ sguabadh nan sgoilearan air falbh gu saoghal eile: Bàgh a’ Chàise, far am feum luchag òg, Luchlann, fàs geur gus Bonn Òir prìseil a choisinn a sheanmhair aig a’ Mhòd na nighean òg fhaighinn air ais gus a dhachaigh ann an Eilean Feta a shàbhaladh!

An cois a’ Phanto seo, a chaidh a sgrìobhadh agus a stiùireadh le Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid, le taic bho Fhearghas Rothach, gheibhear na h-eileamaidean a bu chudromaiche ann an dealbh-chluich na Nollaig air fad – àbhachdas, òrain èibhinn, èideadh eireachdail, blàr rap rodain(!) agus an luchd-èisteachd gu mòr an sàs – ’s e uile air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt Aonghas: “Tha panto na bliadhna seo ag innse an sgeul aig Luchlann an luch, air a chluich le Grace Morton, agus an dàna-thuras a ghabhas e a thìr-mòr gus rud no dhà a cheannach sna bùthan is stad a chur air na planaichean a th’ ann gus an eilean aige a reic ’s raoin-goilf a chur air muin an dachaigh aige. ’S e deagh sheinneadairean a th’ anns gach duine san sgioba is tha e math an cothrom fhaighinn na sgilean-ciùil aca a thaisbeanadh mar phàirt den dealbh-chluich. Seinnidh Grace òran stèidhte air ‘Eilean Beag Donn a’ Chuain’ ach dh’atharrraich mi facal no dhà son a’ phanto seo agus ’s e ‘Eilean Beag Donn a’ Chàis’ a th’ air a-nis.

Gus a h-uile duine a dheisealachadh son na Nollaig tha òran eile ann stèidhte air ‘Carol of the Bells’ is e air a ghabhail gu binn le Luchlann agus a sheanmhair, air a chluich le Beth Frieden. Tha òrain gu tur eadar-dhealaicte aig trustar a’ phanto, rodan a’ bhaile mhòir don ainm Rodachan Z, a th’ air a chluich le Rachel Kate NicLeòid, agus tha mi cinnteach gun cuireadh na rannan aige iomagain air Stormzy agus Griogair Labhruidh nam faigheadh iad cothrom èisteachd riutha. Tha dà charactar aig Beth Frieden, sa chiad earrann tha i a’ nochdadh mar sheanmhair Luchlann agus an uair sin mar Maighstir Cullachan, fìdhlear draoidheil a sheallas do Luchlann mar a ghabhas ‘am fonn’ a chur gu feum gus spòg an uachdair fhaighinn air Rodachan Z ann am blàr rap na Nollaig”.

Bha a’ chiad thaisbeanadh aig an sgioba aig Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil madainn Diluain. Thèid a thaisbeanadh seachd tursan deug uile gu lèir taobh a-staigh a’ cheala-deug a tha romhainn. Cuide ri bhith air thuras ann an sgoiltean, thèid taisbeanadh poblach a chumail ann an Cultarlann Inbhir Nis, air Diardaoin 4 An Dùbhlachd 2025. Fosglaidh na dorsan aig 6.15f, bidh seinn laoidhean-nollaig ann bho 6.30f agus tòisichidh am panto fhèin aig 7f. Bidh fàilte bhlàth air teaghlaichean agus muinntir na coimhearsnachd agus bidh cothrom ann tabhartasan a thoirt seachad do dh’Fhèisean nan Gàidheal air an doras gus taic a thoirt dhaibh le bhith a’ cur am Panto air dòigh.

Air chùlaibh ghnothaichean, tha banalaiche ionadail Maria Cuthbert air a bhith trang a’ toirt nan caractaran beò tro èideadh a bhios a’ tarraing gu mòr air cuspair càiseach na bliadhna.

Thuirt Manaidsear Fèisgoil, Eilidh NicCoinnich: “Gach bliadhna bidh panto Gàidhlig FnG a’ toirt dìbhearsain is fealla-dhà do sgoiltean air feadh na dùthcha. Tha eòlas air taisbeanaidhean beò cho cudromach do luchd-èisteachd òga, ’s tha sinn mothachail air cho cudromach ’s a tha cothroman obrach is leasachaidh mar seo do chleasaichean na Gàidhlig. Tha sinn cho toilichte gum bi cothrom againn an taisbeanadh poblach a chlàradh ’s gum bi sinn ri fhaotainn tro FèisTV do sgoiltean air feadh na dùthacha agus don mhòr-shluagh ron an Nollaig.”

Tha am Panto Gàidhlig bliadhnail seo air a riochdachadh le Fèisgoil, seirbheis foghlaim foirmeil Fhèisean nan Gàidheal, a bhios a’ tabhann chothroman cruthachail tro mheadhan na Gàidhlig do sgoiltean air feadh Alba. Tha Fèisean nan Gàidheal taingeil don luchd-maoineachaidh, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, airson an cuid taic ann a bhith a’ cur a’ chuairt seo air dòigh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Phanto no mun obair dràma anns a bheil Fèisean nan Gàidheal an sàs anns na sgoiltean, cuiribh fios air Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid aig angus@feisean.scot

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer