Tha Fèisean nan Gàidheal a’ comharrachadh Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba tro phròiseact sònraichte air Òrain Ghàidhlig a mhaireas fad 2020.
Air a’ bhliadhna seo tha sinn ag obair leis an t-sàr-eòlaiche, Jo NicDhòmhnaill, airson òran bhon dualchas againn a tha co-cheangailte ris a’ chuspair seo fhoillseachadh air làrach na buidhne gach seachdain. Cuide ri faclan gach òran, tha clàraidhean ùra bho sheinneadairean Gàidhlig, fiosrachadh mu na h-òrain, sgrìobhadairean (mur h-eil an t-òran gun urra), ainmean-àite a tha nochdadh sna rannan agus ceanglaichean ri fiosrachadh mun sgìre dham buin na h-òrain.
Thairis air a’ bhliadhna bidh 52 air a chur ris an làraich agus tha sinn airson ‘s gum bi òran ùr nam measg. Tha sinn a-nise a’ sireadh thagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson òran ùr a dhèanamh dhuinn.
Thèid £500 a phàigheadh airson a’ choimisean sònraichte seo. Bidh an t-òran air a’ chlàradh agus air fhoillseachadh mar phàirt den fhèis Blas 2020.
Mura bheil e comasach don sgrìobhaiche an t-òran soirbheachail a ghabhail agus a chlàradh, ghabhadh clàradh a chur air dòigh le seinneadair a chòrdadh ris an sgrìobhaiche.
Ma tha ùidh agaibh anns a’ chothrom seo, bu chòir dhuibh tagradh a chur thugainn leis an fhiosrachadh a leanas:
- Am beachd a th’ agaibh airson òran ùr air a’ chuspair ‘Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba’
- Eisimpleirean de bhàrdachd/òrain a sgrìobh sibh roimhe
- Fiosrachadh no eòlas sam bith eile a tha sibh am beachd a bhiodh feumail dhuinn ann a bhith a’ ruighinn co-dhùnadh mu cò bu chòir an coimisean fhaighinn.
Bu chòir tagraidhean a bhith againn air post-d gu blas@feisean.org ro 5f Dihaoine 3 Iuchar.
Thèid fios a chur air an tagraiche soirbheachail air an seachdain a’ tòiseachadh 13 Iuchar.
Feumaidh an t-òran a bhith againn crìochnaichte ro Dhihaoine 8 Lùnastal.
Chithear barrachd fiosrachaidh mu phròiseact Fèisean nan Gàidheal an seo
Chithear barrachd fiosrachaidh mu Bhliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba an seo