Fèis na Càisge

Ged nach bi Fèisean a’ tachairt san dòigh àbhaisteach aig an àm seo, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.  

Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh.  Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn. 

Bidh Fèis an Earraich, Fèis Latharna, Fèis Obar Dheathain agus Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a’ tabhann taghadh de chlasaichean air-loidhne eadar 5-9 an Giblean mun àm is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt.  Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. 

Aon uair ’s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.

‘S ann airson clann eadar 8 suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo ach bidh clasaichean seinn agus dràma ann airson clann eadar 5 agus 7 bliadhna a dh’aois.

A bharrachd air na clasaichean àbhaisteach, bidh Coig Latha a’ tabhann seiseanan airson deugairean, le Gàidhlig, aig aois àrd-sgoile.

Clasaichean Maidne – tro mheadhan na Gàidhlig (G)

10m – 1030m gach latha

FidheallLuchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (G)

Fìdeag Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (G)

BogsaEadar-mheadhanach/Adhartach (G)

SeinnAoisean 8+ (G)

PianaEadar mheadhanach/Adhartach (G)

DràmaAoisean 5-7 (G)

11m – 1130m gach latha

Fidheall – Eadar mheadhanach/Adhartach (G)

FìdeagEadar mheadhanach/Adhartach (G)

Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (G)

SeinnAoisean 5-7 (G)

PianaLuchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (G)

DràmaAoisean 8+ (G)

Clasaichean Feasgair tro mheadhan na Beurla (B)

12f – 12.45f gach latha

Puirt airson aois 12+Adhartach (B)

2f – 230f gach latha

FidheallLuchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (B)

FìdeagLuchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (B)

BogsaEadar mheadhanach/Adhartach (B)

SeinnAoisean 8+ (B)

PianaEadar mheadhanach/Adhartach (B)

DràmaAoisean 5- 7 (B)

GiotàrLuchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (B)

3f – 330 gach latha

FidheallEadar mheadhanach/Adhartach (B)

FìdeagEadar mheadhanach/Adhartach (B)

BogsaLuchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (B)

SeinnAoisean 5 – 7 (B)

PianaLuchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais (B)

DràmaAoisean 8+ (B)

GiotàrEadar mheadhanach/Adhartach (B)

4f – 5f gach latha

Coig LathaCòmhradh & Coimhearsnachd airson sgoilearan na h-àrd-sgoile (tro mheadhan na Gàidhlig)

7.30f – gach latha

Coig Latha – Puirt is Orain airson sgoilearan na h-àrd-sgoile (Adhartach) (tro mheadhan na Gàidhlig)

Airson barrachd fiosrachaidh cuir post-d gu calum@feisean.scot

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer