
| MEG tabhartas air a bhuileachadh | £2140 |
| Cosgais iomlan a’ phròiseict | £5490 |
| MEG tabhartas mar % den iomlan | 39% |
| Àireamh luchd-tairbhe | 56 |
Geàrr-chunntas:
Bu toil le triùir luchd-ealain pìos dannsa bhon adhar a chruthachadh le taic bho Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu thairis air còig latha gus pìos dannsa bhon adhar agus pìos de sgrìobhadh cruthachail a chruthachadh ann an tèarmannan nàdair ionadail, a thèid a dhèanamh na fhilm ghoirid. anns a’ Ghàidhlig.
Toradh/Amasan:
Rè a’ phròiseict, bidh an triùir luchd-ealain a’ lìbhrigeadh ceithir bùthan-obrach uair a thìde air sgilean siorcais agus sgrìobhadh tro mheadhan na Gàidhlig a’ gabhail àite thairis air dà sheachdain le clas P7G ann am Bun-sgoil Chondobharait, a’ beachdachadh air àrainneachd agus dualchas na sgìre, agus an uair sin thèid am film a shealltainn ann an Taigh-cluiche Chomar-nan-Allt
Ùrachadh pròiseict:
Chaidh am pròiseact air adhart gu soirbheachail, ag obair gu dlùth le diofar bhuidhnean, gu sònraichte Bun-sgoil Chondobharait agus Taigh-cluiche Chomar-nan-Allt, a tha stèidhichte sa bhaile. Dh’obraich an luchd-ealain gu dlùth còmhla ann an cruthachadh sgriobt an fhilm agus chaidh dàn a sgrìobhadh cuideachd. Anns na bùthan-obrach, smaoinich na h-oileanaich air a’ cheangal eadar an saoghal nàdarrach agus na rudan a rinn daoine, agus b’ e seo am brosnachadh airson am film goirid a chaidh a dhèanamh. Bha am film 10 mionaidean a dh’fhaid agus chaidh a shealltainn aig Taigh-cluiche Chomar-nan-Allt air an 12mh là den t-Sultain aig 11m.


