Ged nach urrainn dhaibh tachairt aghaidh ri aghaidh am bliadhna, tha sinn air ar dòigh gu bheil Fèis Eilean an Fhraoich agus Fèis Thròndairnis a’ ruith air-loidhne tro Zoom eadar 26-30 Iuchar le cothroman ionnsachaidh sònraichte do chloinn!
Bidh na clasaichean maidne tro mheadhain na Beurla aig 10f agus 11f. Bidh teagasg tro mheadhain na Gaidhlig ri fhaighinn gach feasgar le clasaichean aig 2f agus 3f. Mairidh na clasaichean mu 30 mionaid ‘s chithear clàr-ama slàn gu h-iseal.
Tha na clasaichean seo freagarrach airson clann 8+ ‘s tha iad freagarrach airson ìre luchd-tòiseachaidh (B) agus ìre eadar-mheadhanach/adhartach (I/A). Bidh cothroman ann cuideachd do chloinn aois 5-7 clasaichean seinn a dhèanamh
Luchd-teagaisg Tutors
Seinn Norrie Maciver Gaelic Song
Clàrsach Calum Macleod Harp
Fidheall Graham MacKenzie & Jane Hepburn Macmillan Fiddle
Bogsa Sileas Sinclair Accordion
Fìdeag Andrew MacPherson Whistle
Giotàr Murdo Cameron Guitar (morning only)
Bidh clas sònraichte ann do dheugairean eadar 4-5f gach latha air a theagasg le James D MacKenzie agus Andrew Yearley. Bu choir dha na com-pairtichean airson an clas seo a bhith aig ire eadar-mheadhanach/adhartach air an ionnsramaid aca.
*** Clàraibh an seo ***
** Clàraibh an seo airson Leugh le Linda **
