Samhradh 2 (6-10 Iuchar)

Ged nach bi Fèisean an t-samhraidh a’ tachairt san dòigh àbhaisteach, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.  

Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh.  Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn. 

Tha Fèis Bharraigh, Fèis Chataibh, Fèis na h-Òige agus Fèis Eige co-obrachadh air taghadh de chlasaichean a thabhann air-loidhne eadar 6-10 Iuchar, nuair is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt.  Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. Aon uair ‘s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.

‘S ann airson clann eadar 8 (no tòiseachdainn ann an clas 4 san Lùnastal) suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo. Bidh cothrom aig com-pàirtichean aois 5-7 (no tòiseachadh clas 1 sa Lùnastal) clas seinn a dhèanamh cuideachd

Bidh na clasaichean maidne air fad tro mheadhain na Gàidhlig agus na clasaichean feasgar sa Bheurla.


Clasaichean Maidne – Tro mheadhain na Gàidhlig

 

10m

Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais 

Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Feadan Eadar-mheadhanach / Adhartach

Meur-chlàr Eadar-mheadhanach / Adhartach

Dannsa Gàidhealach Eadar-mheadhanach / Adhartach

Seinn Aois 5 -7

11m

Fidheall Eadar-mheadhanach / Adhartach

Bogsa Eadar-mheadhanach / Adhartach

Feadan – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Meur-chlàr – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Dannsa Gàidhealach – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Seinn Aois 8-18


Clasaichean Feasgar tro mheadhain na Beurla

 

2f

Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais 

Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Feadan Eadar-mheadhanach / Adhartach

Meur-chlàr Eadar-mheadhanach / Adhartach

Dannsa Gàidhealach Eadar-mheadhanach / Adhartach

Seinn Aois 5 -7

 

3f

Fidheall Eadar-mheadhanach / Adhartach

Bogsa Eadar-mheadhanach / Adhartach

Feadan – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Meur-chlàr – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Dannsa Gàidhealach – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais

Seinn Aois 8-18

4f

Puirt – Ìre Eadar-mheadhanaich/Adhartaich


Airson tuilleadh fiosrachaidh, no ma tha ceistean sam bith agaibh, cuir brath thugainn: samhradh@feisean.scot

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer