Ged nach bi Fèisean an t-samhraidh a’ tachairt san dòigh àbhaisteach, tha sinn uabhasach toilichte gum bi clasaichean air-loidhne ri fhaotainn bhuapa.
Bidh na clasaichean an-asgaidh ged a chuireamaid fàilte air tabhartas sam bith gus ar cuideachadh le cosgaisean an cur air dòigh. Ma tha e comasach dhuibh tabhartas a thoirt dhuinn, ghabhadh sin a dhèanamh tron duilleag JustGiving againn.
Tha Fèis nan Garbh Chrìochan agus Fèis Tìr a’ Mhurain a’ co-obrachadh air taghadh de chlasaichean a thabhann air-loidhne eadar 13-17 Iuchar, nuair is àbhaist do na Fèisean a bhith a’ tachairt. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom àite a ghlèidheadh le bhith leantainn nan ceanglaichean gu h-ìosal. Aon uair ‘s gu bheil sibh air taghadh a dhèanamh bidh àite air a ghleidheil dhuibh airson Diluain gu Dihaoine.
‘S ann airson clann eadar 8 (no tòiseachdainn ann an clas 4 san Lùnastal) suas gu 18 bliadhna a dh’aois a tha na clasaichean seo. Bidh cothrom aig com-pàirtichean aois 5-7 (no tòiseachadh clas 1 sa Lùnastal) clas seinn a dhèanamh cuideachd
Bidh na clasaichean maidne air fad tro mheadhain na Gàidhlig agus na clasaichean feasgar sa Bheurla.
Clasaichean Maidne – Tro mheadhain na Gàidhlig
10m
Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Feadan Eadar-mheadhanach / Adhartach
Seinn Aois 5 -7
11m
Fidheall Eadar-mheadhanach / Adhartach
Bogsa Eadar-mheadhanach / Adhartach
Feadan – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Seinn Aois 8-18
Clasaichean Feasgar tro mheadhain na Beurla
2f
Fidheall – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Bogsa – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Feadan Eadar-mheadhanach / Adhartach
Seinn Aois 5 -7
3f
Fidheall Eadar-mheadhanach / Adhartach
Bogsa Eadar-mheadhanach / Adhartach
Feadan – Luchd-tòiseachaidh/Beagan eòlais
Seinn Aois 8-18
4f
Puirt – Ìre Eadar-mheadhanaich/Adhartaich
Airson tuilleadh fiosrachaidh, no ma tha ceistean sam bith agaibh, cuir brath thugainn: samhradh@feisean.scot